FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Red Arrows in Stornoway Na Red Arrows an Steòrnabhagh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Na Red Arrows an Steòrnabhagh

[Innes Rothach – Preseantair] Bha sealladh neo-àbhaisteach ri fhaicinn anns na speuran os cionn Steòrnabhaigh an-diugh agus sgioba taisbeanaidh an RAF – na Red Arrows – a’ tadhal air a’ bhaile. Bha iad air fiathachadh fhaighinn bho Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh agus a’ bhuidheann sin a’ comharrachadh gu bheil 150 bliadhna ann bho a chaidh an stèidheachadh. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha sgioba nan Red Arrows air a bhith taisbeanadh sgilean phaidhleatan feachdan adhair bho chionn còrr is 50 bliadhna. Anns an ùine sin thadhail iad ann an 56 dùthaich. Feasgar an-diugh thill iad a Leòdhas, a’ comharrachadh 150 bliadhna de dh’ eachdraidh Ùghdarras Caladh Steòrnabhaigh.

[Murchadh Moireach] Feumaidh sinn cuimhneachadh cuideachd gu robh itealain a’ falbh às a’ chaladh uaireigin. Bha iad a’ tighinn a-steach agus a’ falbh às a’ chaladh agus tha sinne air leth toilichte gun urrainn dhaibhsan a thighinn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha naoi itealain Hawk T1 a’ sgèith am-bliadhna, a’ sealltainn suaicheantas ùr, a’ daighneachadh obair na sgioba mar thosgaire do Bhreatainn agus an gnìomhachais.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] An seo aig port-adhar Steòrnabhaigh, chaidh na sgrùdaidhean mu dheireadh a dhèanamh air na h-itealain. Tha iad a-nis deiseil airson a dhol os cionn Steòrnabhaigh airson beagan cleasachd anns an adhar. Ach tha an obair ullachaidh airson faighinn chun na h-ìre seo a’ toirt mìosan.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha taisbeanadh ùr aca a h-uile bliadhna agus tha an obair ullachaidh a’ toirt sia mìosan.

[Flt Lieut Joe Hourston] The idea, ironically, is to make it look a little bit dangerous and eye-opening in the show but it’s actually done in a very safe manner and it’s very, very well-rehearsed and that’s why we spend 6 months of the year training to put the show on before you see it.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bha sluagh mòr ann an Steòrnabhagh air am beò-ghlacadh le torradh an cuid saothrach.

[Fireannach 1] I do enjoy flying but not at that height.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] You can’t see yourself reaching these heights?

[Fireannach 1] No, and I don’t really have the best head for heights so not really.

[Fireannach 2] Sgoinneil. Sgoinneil airson an àite agus cuideachd sgoinneil airson Steòrnabhagh, na Red Arrows fhaicinn a-rithist.

[Fireannach 3] It was excellent yeah, it was really good.

[Boireannach 1] It’s amazing what they can do, just, the pilots are fantastic.

[Fireannach 3] Hundreds of miles an hour, feet apart, it’s incredible yeah. Really good.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!