FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Lamb prices set to drop Prìs nan uan a' dol a thuiteam

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Prìs nan uan a' dol a thuiteam

[Innes Rothach – Preseantair] Tha e coimhead coltach gum bi prìs nan uan mòran nas ìsle am-bliadhna agus sin gun a bhith toirt cunntas air buaidh na droch shìde air fallaineachd nam beathaichean. Tha uain gan reic an-dràsta aig prìs a tha £10 nas ìsle na bha e an-uiridh agus ged a tha ùine ann fhathast mus tèid uain bho taobh siar na Gàidhealtachd agus na h-Eileanan an reic, ‘s e droch shamhla a th’ann do chroitearan, mar a tha Murray MacLeòid ag aithris.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Chan ann furasta a tha e air a bhith dhaibhsan a tha an urra ri obair fearainn agus an aimsir air a bhith cho fliuch is fuar, co-dhiù gu seo. Ach tha tuilleadh a-nis mu choinneamh chroitearan agus thuathanaich. Sin gu bheil prìs nan uan air tuiteam.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Tha coltas glè mhath air an stoc seo dh’fheumar a ràdh agus tha mìos no dhà ann fhathast mus bi a’ mhòr-chuid de dh’uain bhon taobh an iar gan reic. Ach a thaobh prìsean, chan eil iad a’ coimhead gu math an-dràsta. Tha iad sìos grunnan notaichean gach beathach. As dèidh na droch shìde a tha air a bhith ann, chan e sin an seòrsa naidheachd a bha croitearan airson cluinntinn.

[Dòmhnall MacLeòid] Uill mar a tha cùisean a’ coimhead an-dràsta tha prìs nan uan air ais glè mhòr mun t-sìde-sa an-uiridh. Ach feumaidh mi ràdh gur e an t-uan reamhar a chaidh a bhreith tràth anns a’ bhliadhna tha sin agus tha e duilich fhathast, tha caran tràth anns a’ bhliadhna beachd a thoirt air mar a bhios cùisean nuair a thig an t-am airson reic ann an seo, cho fad ‘s nach bi sinn a’ reic uain a bhios gan cumail nas fhaide.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Cha shaoileadh tu gum biodh cus buaidh aig cùisean mòra an t-saoghail air luach a’ bheathaich seo. Ach, tha agus gu mòr. Tha mòran de dh’ uain na h-Alba gan reic chun na Roinn Eòrpa agus tha an Euro an-dràsta gu math ìosal. Cuideachd, chan eil An Ruis no Sìona a’ ceannach faisg uimhir de chraiceann ‘s a b’ àbhaist - an margaidh mhòr a bha air fhàgail. Uile gu lèir, tha e ciallachadh nach eil faisg uimhir a luach aig a’ bheathach seo ‘s a bhithear an dòchas.

[Alec Dòmhnallach] Buille mhòr, mhòr a th’ann, tha e gus a h-uile duine a bhualadh. Chan e mhàin sin ach tha barrachd cosgais air a bhith oirnn am-bliadhna seach bliadhna sam bith eile leis cho fuar ‘s a tha i air a bhith agus mar a thuirt sinn, air beathachadh chun an ama seo fhèin eadar, tha mi creidsinn gum bi - a’ bruidhinn mu dheidhinn ‘s dòcha £20 a-mach à pòcaid gach beathaich.

[Dòmhnall MacLeòid] Mar a tha a’ mhargaidh an-dràsta sin mar a thuirt mi, na h-uain reamhar a chaidh a bhreith tràth bha sinn a’ coimhead air tighinn air a’ mhargaidh agus tha sin air ais, bhon t-seachdain a chaidh bha iad air ais timcheall air 20sg an kilo, can bho ochd gu deich notaichean an t-uan ‘s bha tòrr an sin. Ach dh’fhaodadh sin atharrachadh mar a bhios a’ bhliadhna dol air adhart. Tha cuideachd fathann a’ dol nach eil an uiread de dh’uain air a’ bhliadhna agus ‘s mathaid le sin gum bi, gun tog sin a’ phrìs beagan nas àirde. Ach chan eil mi cinnteach gum bu chòir dhuinn a bhith buileach dubhach fhathast. ‘S ann nuair a chì sinn na fèilltean suas gu tuath, nuair a thèid na h-uain sin air a’ mhargaidh bheir sin beachd math dhuinn air mar a tha a’ mhargaidh a’ dol a dhèiligeadh ris na h-uain a bhios air an cumail nas fhaide air a’ bhliadhna.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] ‘S e bliadhna dhuilich a tha air a bhith ann dha croitearan agus tha iad a-nise coimhead ris an fhoghar agus an stoc aca a reic. Dh’ fhaodadh cùisean atharrachadh, ach tha e coimhead coltach gum bi prìsean sìos agus gu deimhinne, chan e sin a bha a dhìth. Murray MacLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!