FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The people of Carloway campaign for a new shop Muinntir Chàrlabhagh ag iomairt airson bùth ùr

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Muinntir Chàrlabhagh ag iomairt airson bùth ùr

[Innes Rothach – Preseantair] Tha Càrlabhagh air taobh siar Leòdhais air a bhith gun bhùth airson deich bliadhna a-nis. Tha 500 duine sna h-ochd bailtean san sgìre, agus aig aon àm bha deich bùithtean gam frithealadh. A-nise, chan e a-mhàin gu bheil iad ag iomairt airson ùr, mar a tha Eilidh NicLeòid ag aithris, tha iad cuideachd a' rannsachadh air an gabh goireasan ùra eile a stèidheachadh anns san sgìre.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S ann air an làraich a tha seo a bha a’ bhùth mu dheireadh a bha frithealadh muinntir Chàrlabhaigh. Nis, ann an sgìre far an robh uair deich bùithtean, tha an sluagh a-nis ag ràdh gu bheil cruaidh fheum ann airson ùr.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha ochd bailtean eadar Tolastadh a’ Chaolais agus Dail Mòr, le sluagh de mu 500 duine. Thòisich iad bho chionn còig bliadhna a’ bruidhinn air bùth ùr fhosgladh, ach chuir an strì a rinn iad an aghaidh dùnadh Bun-sgoil Chàrlabhaigh dàil air an iomairt.

[Calum MacArtair] ‘S ann tron sin a thòisich sinn a’ coimhead ris an sgoil, nuair a bha sinn a’ sabaid airson na sgoile, airson cumail an sgoil fosgailte. Thog e an àirde gu robh sinn a’ coimhead no gum feumadh sinn rudeigin san àite.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Dhùin an sgoil ach tha an togalach fhathast ann. Tha an Comann Coimhearsnachd airson a cheannach agus thuirt buidheann-stiùiridh na bùtha gur e an làrach seo a b’ fheàrr leis an t-shluagh airson bùth. Mar sin, tha gach buidheann a’ dèanamh rannsachadh feuch an gabh na h-amasan aca a thoirt gu buil. Tha beachd ann gu feum goireasan a bharrachd a bhith aca ge-tà, son farpais ri bùithtean eile, an chuid air an tuath agus ann an Steòrnabhagh.

[Calum MacArtair] Chan eil duine dol a stad ann an Siabost airson na bùtha, ma dh’ fheumas iad fuel and all. Feumaidh a h-uile càil a bhith againn. Dh’ fheumadh pàipearan a bhith againn, dh’ fheumadh peatrail a bhith againn, so sin an seòrsa idea a th’ againn. Nis, tha sinn an dòchas gun tig am feasibility study air ais a’ cantainn gun obraich e ach chì sinn chanas iad.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chan e a-mhàin goireas ùr a tha iad airson a chur an seo ach àite a bhios aig cridhe na coimhearsnachd, mar a chleachd an sgoil a bhith.

[Calum MacArtair] Le bùth an-dràsta, shaoileadh mi an-dràsta gun cuideachaidh e daoine a’ tighinn a-steach. An uair sin tha jobaichean a’ tighinn a-steach, tha sinn tarraing jobaichean a-steach dhan sgìre and all.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha Comataidh Bùth Chàrlabhaigh a’ faighinn taic bho Iomairt na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean. Tha grunn bhùithtean beaga air fosgladh ann an sgìrean dùthchail de Leòdhas anns na beagan bhliadhnaichean a dh’ fhalbh, a’ toirt dòchas dhan iomairt as ùire seo gum bi iad fhèin a cheart cho soirbheachail. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Càrlabhaigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!