FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donald Morrison in conversation with Norman Gillies Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Tormod MacGillÌosa

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Norman Gillies Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo le Tormod MacGillÌosa

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Dòmhnall Moireasdan ann an còmhradh ri Tormod MacGillÌosa

[Dòmhnall Moireasdan] An t-Ollamh Tormod MacGillÌosa, Sgitheanach a ràinig àrd ìre ann an Saoghal an Fhoghlaim. Thug e colaiste na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach, Sabhal Mòr Ostaig gu àrd ìre cuideachd. Òstair, uair dha robh saoghal, rianaiche agus manaidsear. A Thormoid, fàilte

[Tormod MacGillÌosa] Tapadh leat.

[Dòmhnall Moireasdan] Tha facal aca ann am Beurla airson ur leithid, saoilidh mi, mover and shaker, an gabhadh tu ris an tiotal?

[Tormod MacGillÌosa] Uill, ‘s dòcha gun gabhadh ris an shaker, tha pàirt den tiotal a thoireadh, oir tha pàirt den t-suidheachadh de mo bheatha ag ràdh gun robh mi air crith iomadach uair a thaobh an t-suidheachaidh san d’ fhuair mi mi fhèin agus tha mi a’ smaoineachadh gur e sin am pàirt a dh’ aithnichinn.

[Dòmhnall Moireasdan] Ach, tha crathadh agus gluasad mòr a dhìth ma tha thu a’ leasachadh rud mar Sabhal Mòr Ostaig, ‘s tha fhios gun robh beagan dhen sin ri dhèanamh.

[Tormod MacGillÌosa] Uill, tha mi cinnteach ma tha thu a’ crathadh rud gu bheil thu ag adhbhrachadh gluasad cuideachd. Bha mise a’ smaoineachadh air a’ chrathadh a bha mi fhèin gu pearsanta a’ faighinn, ach tha sin ann ma tha thu ag iarraidh rudan a ghluasad air adhart, feumaidh beagan crathadh a bhith ann gus am faic thu ciamar a tha rudan a’ dol a dh’ obrachadh a-mach. Agus, dha-rìribh, nuair a bha mi an lùib an t-Sabhail, bha againne ri tòrr dhen sinn a dhèanamh agus chan e dìreach crathadh mar gum biodh, a thaobh an ionaid fhèin, ach rudan eile a chrathadh airson gum b’ urrainn dhuinn rud a ghluasad air adhart a bha sinn ag iarraidh a dhèanamh.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus tha sin gu ìre mhòr obair ur beatha agus thig sinn gun sin a-rithist, ach do dhuine a bha na cheannard air colaiste ann an UHI, Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean le tiotal Ollamh Urramach a-nise, cha do rinn sibh trèanadh acadaimigeach idir, chan e sgoilear a th’ annaibh. Tha sin car neo-àbhaisteach, feumaidh tu a bhith nad mover and shaker airson faighinn chun na h-ìre sin gun a bhith nad sgoilear?

[Tormod MacGillÌosa] Uill, tha mi cinnteach gun tàinig mi a-staigh ann am foghlam ann an dòigh caran annasach, sin is coireach gun robh mi an sàs ann an rudan eile a thaobh a bhith a’ dèanamh obair rianachd, ann an taighean-òsta an toiseach, ‘s an uair sin, ann an companaidh a bha an sàs ann an toglaichean agus an uair sin, thàinig mi a-staigh a-rithist a thaobh rianachd a thaobh foghlaim agus ged nach e sgoilear a th’ annam anns an t-seagh acadaimigeach, chanainn gur e a-nise a th’ annam, ‘s e neach-foghlaim a th’ annam, oir tha mi a’ tuigsinn cho cudromach ‘s a tha sin agus tha mi a’ tighinn thuige bho thaobh rianachd, agus a’ leigeil le daoin’ eile a bhith a’ dèanamh an obair foghlaim a tha a dhìth.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2009.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!