FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Home in Stornoway mistakenly valued at more than £14m Mearachd is luach de chòrr is £14m a chur air taigh ann an Steòrnabhagh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Mearachd is luach de chòrr is £14m a chur air taigh ann an Steòrnabhagh

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise airson greiseag bheag bha taighean air sràid àbhaisteach ann an Steòrnabhagh am measg an fheadhainn bu daoire ann am Breatainn air fad. B’e mearachd a bh’ann ge-tà a rinn làrach-linn thaighean Zoopla, a’ cur luach de chòrr is £14millean air fear de na dachaighean air Slighe Bhalmerino. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha 32 dachaigh air Slighe Bhalmerino. Tòrr aca a bha ùr bho shealladh na Comhairle. Sràid àbhaisteach, cùl, sàbhach, duileagach. Anns an fharsaingeachd, dh’ fheumadh tu mu £150,000 a phàigheadh son fuireach an seo, ach chan ann a rèir Zoopla.

[Anndra MacFhionghain] Bha iad ag ràdh gu robh an t-uabhas seòmraichean-caidil againn agus gu robh an taigh dìreach cho, cho daor agus cha robh mise ga thuigsinn nuair a chunnaic mi an toiseach e, cha robh mi ga chreidsinn, carson a bha a’ phrìs a seo bha cho mòr.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Thuirt Zoopla gum b’ fhiach na taighean còrr is millean not anns an fharsaingeachd, ach b’ e an rud a b’ annasaiche, a’ phrìs a chuir iad mu choinneamh àireamh 11.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] A rèir Zoopla b’ e luach an taighe a tha seo air mo chùlaibh, £14, 119, 713 uile gu lèir. Barrachd na phàigheadh tu airson taigh mòr leòmach ann an Knightsbridge ann am meadhan Lunnainn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Thuirt Zoopla cuideachd gu robh bàta fuirich anns an robh còig seòmraichean caidil, leis an taigh, ged a tha an t-sràid pìos math air falbh bhon mhuir. Dh’ aidich a’ chompanaidh gur e mearachd theicnigeach a rinn iad agus an uair sin chuir iad na noughts agus na notaichean aca ceart.

[Anndra MacFhionghain] Bha daoine smaoineachadh gun reiceadh sinn na taighean againn agus gun gluaiseadh sinn gu taigh mòr air choreigin. Ach, gu mì-fhortanach, bha na figearan ceàrr agus cha robh iad ceàrr ro fhada is an uair sin chaidh iad air ais dìreach gu na figearan ceart a bha a’ dèanamh barrachd ciall dhuinne agus aig deireadh an latha bha e gu math èibhinn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Slighe Bhalmerino. Uair air a mheas mar an dàrna sràid bu bheairtiche ann an Alba.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!