FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Shawbost launch Yackydoola An Yackydoola ga cur air bhog le muinntir Shiaboist

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

An Yackydoola ga cur air bhog le muinntir Shiaboist

[Iain MacAonghais - Preseantair] Chaidh bàta a thog muinntir Shiaboist air taobh siar Leòdhais a chur air bhog gu h-oifigeil an-diugh. 'S i a' chiad sgoth a thogadh san sgìre airson grunn bhliadhnaichean agus tha dòchas ann gum faigh gu leòr cothrom tarraing air na ràimh. Seo an treas coimhearsnachd anns na h-Eileanan a rinn an leithid, agus ùidh air feadh na dùthcha ann an iomradh mara a' sìor fhàs. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Seo am bàta a thog muinntir Shiaboist - sgoth St Isles air an robh mu dheichnear ag obair fad a’ gheamhraidh. ‘S fhuair iad latha brèagha samhraidh airson a baisteadh agus a cur air bhog. ‘S ann leis a’ choimhearsnachd a tha Yackydoola agus tha a h-ainm annasach a’ ceangal mharaichean nan seann làithean ri ginealach an latha an-diugh.

[Etta Mhoireasdan] Bha eathair ann an seo bho chionn, oh, anns na fifties chanainn agus ‘s e Yackydoola an t-ainm a bha oirre agus chaidh òran a dhèanamh. Agus ‘s e an t-òran, ‘s ann a’ dèanamh magadh air an fheadhainn a bha…..an criutha a bh’ oirre. Bha iad ag innse mu Tharmod an còcaire, bha fear eile na bhosun ‘s dìreach plòidh a bh’ann. Ach bha an t-ainm a’ còrdadh ri daoine agus sin as coireach gun deach a thaghadh. ‘S e a bha chuid mhòr dhen t-shluagh seo ag iarraidh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chan eil fhios cho fada on a chaidh bàta a thogail ann an Siabost. Tha ceudan mar an tè-sa an-diugh an Alba bhon a thòisich pròiseact, a’ toirt taic do choimhearsnachdan le togail ‘s trèanadh. Do muinntir Shiaboist, taic airgid luach còrr is deich mìle not bho chompanaidh leasachaidh Horsiadar agus stiùireadh bho chluba iomraidh ann an Dùn Èideann.

[Andreas Leslie] They are very, very fortunate because in any way that they can get out on a safe lit or fresh water loch or as you say across here they’ve got the sea. They can also drive 20 minutes and be on the east coast and go rowing on a sheltered loch there. So I think the facilities here are very, good and also they’ve had the ability to look at what other clubs have done and therefore advance rather quickly because we’ve had a lot of innovation over the years.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] `S ann airson sgilean togail, sgilean seòlaidh a chailleadh anns an linn seo, ath-bheothachadh, a bha am pròiseact ag amas. Ach bha iad cuideachd a’ sireadh obair far am biodh daoine a’ tarraing còmhla.

[An Comh Ali NicIllinnein] Uill mar a tha sibh a’ faicinn an sluagh a tha seo an-diugh, tha mi smaoineachadh gur e sin a tha a h-uile baile a lùigeadh gun tachair e anns na bailtean aca fhèin agus tha mi creidsinn gur e, ‘s e sin a thathas a’ feuchainn a dhèanamh airson feuchainn ri toirt na coimhearsnachd, toirt a h-uile duine a-mach còmhla. Cha bhi a h-uile latha dhen t-seachdain ach rudan mar seo agus cèilidhean, faidhr mar a b’ àbhaist dha bhith bho chionn bliadhnaichean agus bruidhinn ris an fheadhainn as aosta a tha nar measg an-diugh, tha e còrdadh riutha math dha-rìribh agus tha an òigridh againn cuideachd an-diugh agus tha e math sin fhaicinn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Agus leis gu bheil e coltach gu bheil a h-uile duine eile sa bhaile faighinn turn innte, tha a’ cheart cho math dhòmhsa mo chothrom fhèin a ghabhail. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Loch a’ Bhaile ann an Siabost.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!