FaclairDictionary EnglishGàidhlig

25 years of Fèis nan Garbh Chrìochan 25 bliadhna de dh'Fhèis nan Garbh Chrìochan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

25 bliadhna de dh'Fhèis nan Garbh Chrìochan

[Anne Lundon – Presenter] Bha seachdain thrang airson clann aig Fèis nan Garbh Chrìochan, a tha a’ comharrachadh 25 de dh’ aois am-bliadhna. A bharrachd air na clasaichean àbhaisteach tron t-seachdain, bha an Fhèis ga ruith airson eile aig an deireadh-sheachdain. Cuideachd rinn iad CD sònraichte a chaidh a chur air dòigh le daoine a bha air pàirt a ghabhail thar nam bliadhnaichean. Le tuilleadh, seo Seonaidh MacCoinnich.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Thàinig còrr is 60 clann-sgoile còmhla ann an Ath Tharracail an t-seachdain a chaidh, a’ comharrachadh 25 bliadhna bhon a thòisich Fèis nan Garbh Crìochan. ris a bha e coltach sa chiad bhliadhnaichean?

[Iain MacMhaighstir] Oh, bha e gu math diofraichte, bha an seann sgoil ann ‘s cha robh i cho mòr no cho snasail ris an sgoil seo ‘s bha mini buses a’ dol air feadh nan àitichean a’ dol chun nan tallaichean beaga. ‘S bha clasaichean uaireannan anns na busaichean ma bha na meanbh-chuileagan ro dhona so tha an rud air atharrachadh gu mòr.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] A-nis tha e tachairt ann am Bun-sgoil Ath Tharracail. a’ bhuaidh a tha an fhèis air a thoirt air Gàidhlig anns an sgìre.

[Cailean Masterton] Tha gu leòr dhen chloinn aig a bheil Gàidhlig agus na tuitearan cuideachd, so tha e glè mhath agus tha sinn a’ feuchainn ri, tric bidh sinn a’ dèanamh òrain agus puirt às an sgìre fhèin so tha sin cudromach.

[Iain MacMhaighstir] Uill tha e math dhan sgìre agus gu h-àraidh dhan chloinn. Tha iad a’ faighinn cothrom tighinn ri chèile anns na làithean saora agus a bhith ag ionnsachadh mu dheidhinn a’ chultair againn agus tha sin cudromach ‘s tha iad a’ faighinn cothrom a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig agus a cluinntinn a’ chànain cuideachd.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Agus an dòigh air adhart son an fhèis sna bliadhnaichean ri thighinn.

[Vicky NicIlleathain] Bidh iad a’ ruith clasaichean tron bhliadhna so tha iad airson sin a chumail a’ dol agus sin a leasachadh. Tha iad airson, dìreach, an dualchas ‘s an cultar ‘s an ceòl bhon sgìre aca fhèin a chumail beò agus gum bi a h-uile duine a’ faighinn cothrom a bhith an sàs leis.

[Iain MacMhaighstir] Feumaidh sinn barrachd oidhirp a dhèanamh airson a bhith togail an àireamh de dhaoine a tha a’ bruidhinn Gàidhlig agus a bhith feuchainn ri Gàidhlig a dhèanamh nas nàdarraiche dhaibh is cuideachd a bhith cuimhneachadh mu dheidhinn nan deugairean. Tha cuid bho 8 gu 18 bliadhna a dh’ aois agus cuid de na deugairean bidh iad a’ fàgail nuair a tha iad ‘s dòcha trì no ceithir deug.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Ath Tharracail.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!