FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Wave power in the Sound of Taransay Cumhachd nan tonn an Caolas Tharasaigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Cumhachd nan tonn an Caolas Tharasaigh

[Anne Lundon – Preseantair] Agus tha dòchas aig Urras Taobh Siar na Hearadh gun tèid aca air cumhachd a chruthachadh bho na tuinn ann an Caolas Tharasaigh. Thòisich obair rannsachaidh bho chionn ghoirid a dh' fhaicinn cho freagarrach ‘s a tha an sgìre airson sgeama ath-nuadhachail. Ma shoirbhicheas leotha tha dùil gun tèid an dealan a chleachdadh an chuid airson an ionaid coimhearsnachd ùr agus na taighean saora a thèid an togail. Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha Urras Taobh Siar na Hearadh ann an co-bhann ri Albatern, an dùil cumhachd a chruthachadh bho na tuinn ann an Caolas Tharasaigh.

[Murchadh MacAoidh] Tha sinn a’ rannsachadh am faigh sinn cumhachd a Tharasaigh air an tonn airson inneal a chur an sàs airson dealan fhaighinn dhan centre ùr a tha sinn a’ togail. Tha sinn air a bhith a’ bruidhinn ri companaidh ann an Dùn Èideann, Albatern airson rud a chur an sàs ann an sin agus tha sinn dìreach a’ tòiseachadh a’ rannsachadh na cùise a-nise.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Chaidh an t-inneal a dh’ innses do Urras Taobh Siar na Hearadh a bheil e comasach sgeama cumhachd na mara a chur air dòigh anns a’ Chaolas ann an seo, chaidh sin a chur an sàs Disathairne seo chaidh. An-diugh, thathas a’ cur na h-uidheamachd tha clàradh an fhiosrachaidh bhon inneal sin an sàs agus an ceann grunn mhìosan bidh fios aig Urras Taobh Siar na Hearadh a bheil e comasach an sgeama seo a chur air chois.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha Arne Vögler a’ cur na h-uidheamachd a tha clàradh an fhiosrachaidh air tìr an sàs aig Sgoil Sheileboist. Ged nach deach an uidheamachd a chur an sàs ach an-diugh fhèin, tha cùisean a’ coimhead fàbharach.

[Arne Vögler] Absolutely I mean this site is relatively open to the Atlantic Ocean but the most predominant way of climate here probably will be more wind driven and it could be a very good combination of swell waves and wind waves that first status’ have indicated that will make it a very good site.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Le cho freagarrach ‘s a tha na h-Eileanan an Iar airson cumhachd a chruthachadh bho na tuinn, carson nach eil barrachd a’ rannsachadh sgeamaichean mar seo?

[Arne Vögler] Wave technology, technology wave power is still is for the renovators. It’s for people that like to try something new, bit more innovative spirit in there. I think the Western Isles are a brilliant place for it actually. There are a lot of, what would you say, shed-based innovative people here that know how to build small things just because they had to do this all the years they didn’t have the ability maybe just to justify the big stuff. There’s a good attitude here actually of people being innovative and making things work with a bit of engineering effort. I think it’s a great place to develop these technologies and wave power on a community scale certainly I can see has a big future.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha dòchas gun tèid an cumhachd a thèid a chruthachadh a chleachdadh anns an aon choimhearsnachd a tha an t-Urras a’ togail air an làraich seo agus cuideachd gun tèid uisge teth a chumail ri na taighean saor a tha anns an amharc cuideachd. Leis a h-uile oidhirp a tha an t-urras a’ dèanamh, cho dòchasach ‘s a tha iad gun tèid aca air sluagh a thàladh air ais dhan mhachaire?

[Murchadh MacAoidh] Uill tha sinn an dòchas gun dèan sinn rudeigin. Gum bi obraichean an sàs agus sin an rud a mhiannaicheadh sinn, gum bi an obair tha seo, gum bi obraichean ann an àitichean eile ‘s dòcha, gu math nas fhaide air falbh bhon chladach, a-muigh air an Iar ‘s gum faigheadh daoine obair agus gun toir sin daoine air ais dhan àite.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ruaraidh Rothach, BBC An Là, taobh siar na Hearadh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!