FaclairDictionary EnglishGàidhlig

South Harris Agricultural Show Fèill Àiteachais Cheann a Deas na Hearadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Fèill Àiteachais Cheann a Deas na Hearadh

[Innes Rothach – Preseantair] Chaidh Fèill Àiteachais Cheann a Deas na Hearadh a chumail anns an t-Òb an-diugh. Gu mì-fhortanach cha robh an t-sìde buileach cho math 's a mhiannaicheadh daoine airson latha samhraidh, ach a dh’aindeoin sin dh'fhaodadh e a bhith air a bhith tòrr nas miosa. Chaidh Ruaraidh Rothach sgrìob chun na fèille.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Chan eil an aimsir buileach cho dona ‘s a bha dùil an seo. Anns an t-Òb agus Fèill Àiteachais an t-Òib a’ dol an-diugh. Tha sluagh mòr air cruinneachadh an seo agus tha iomadach rud ann dhaibh ri dhèanamh agus ri fhaicinn. Agus ‘s e an-diugh an latha a tha an obair tha na daoine a tha cur seo air dòigh gu saor-thoileach a’ tighinn gu buil.

[Ridseard MacIllinnein] Tha an t-uabhas. Faodaidh tu ràdh, bho toiseach na bliadhna a tha sinn a’ tòiseachadh ag ullachadh airson seo agus an uair sin na làithean mu dheireadh tha an t-uabhas air. Ach feumaidh tu tòiseachadh tràth aig toiseach na bliadhna airson cùisean fhaighinn ceart.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Am-bliadhna ‘s e Murchadh MacIlleathain, aon de seann chomhairlichean na sgìre a dh’ fhosgail an fhèill.

[Murchadh MacIlleathain] Tha a’ choimhearsnachd a’ tarraing còmhla, sean is òg agus feadhainn a tha tighinn a-steach bho tìr-mòr, a dh’ fhuireach anns an àite cuideachd, tha iad a’ gabhail spèis mhòr dha na tha a’ tachairt aig an show agus gu dearbha tha iad air obair mhòr a dhèanamh airson latha mar seo a chur air chois.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Bha gu leòr ann a bha tarraing aire sean is òg. Riders of the Storm agus na Drakes of Hazard na measg. Cuideachd bha taisbeanadh aig an RNLI, ‘s iad a’ feuchainn ri fiosrachadh a sgaoileadh mu dheidhinn sàbhailteachd aig muir.

[Coinneach MacLeòid] Tha campaign ùr aig a’ bhàta-teasairginn air a bheil ‘Respect The Water’ an-dràsta agus tha sinn a’ coimhead air, eadar seo agus 2024, na tha de bhàthaithean ann timcheall nan cladaichean a lùghdachadh na leth agus mar phàirt dhen sin tha sinn a’ sgrìobhadh rud ris an canar ‘community lifesaving plans’ airson a h-uile àite. Coimhead air tha tachairt anns na h-àitichean sin airson rudan a chur air chois airson na bàthaithean ‘s na tubaistean a lùghdachadh ann an sin.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] A dh’aindeoin rabhaidhean droch shìde air an latha agus cuideachd a’ bhuaidh a thug droch shìde a’ Gheamhraidh air stoc is lusan is measan, bha latha air leth aig Fèill Àiteachais Cheann a Deas na Hearadh.

[Ridseard MacIllinnein] Tha tuireadh ann an-dràsta. Tha sinn uabhasach fortanach mus do dh’ fhosgail an fhèill bha i gairbh agus bha uallach oirnn nach tigeadh na daoine ach a rèir mar a tha mi cluinntinn, bha mise a-bhos aig na beathaichean a’ chuid bu mhotha dhen latha ach a rèir mar a bha mi cluinntinn tha sluagh mòr, mòr a-staigh. Tha sinn toilichte leis an sin agus toilichte airson an t-shluaigh gu bheil latha math ann agus gu bheil iad an seo.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ruaraidh Rothach, BBC An Là, aig Fèill Àiteachais Cheann a Deas na Hearadh

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!