FaclairDictionary EnglishGàidhlig

TEDx conference in Inverness Co-labhairt TEDx an Inbhir Nis

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Co-labhairt TEDx an Inbhir Nis

[Innes Rothach – Preseantair] Chaidh co-labhairt TEDx a chumail ann an Inbhir Nis a-raoir. Tha na co-labhairtean, a tha dèiligeadh ri teicneòlas, cur-seachadan agus dealbhachd air a bhith ruith grunn bhliadhnaichean, ‘s iad a tàladh òraidichean mar Steven Hawking, Bono agus JK Rowling. Tha tuilleadh aig Alasdair MacIllinnein.

[Alasdair MacIllinnein – Neach-aithris] Am measg nan tractaran agus eile aig tuathanas a’ Bhothaig Bhàin a-raoir, bha co-labhairt shònraichte a’ tachairt. Tha co-labhairtean Ted no Technology Entertainment Design a’ tachairt air feadh an t-saoghail. Tha iad a’ gabhail a-steach cuspairean bho theicneòlas gu cànan, a bharrachd air a bhith a’ tarraing ainmean mòra gu bhith bruidhinn aca. Tha Tedx caran eadar-dhealaichte ge-tà. Tha e air a chur air dòigh gu neo-eisimeileach. Ach, coltach ri Ted fhèin, chan eil òraidean a’ maireachdainn ach 18 mionaidean, no fiù ‘s nas lugha na sin. Bha an t-uabhas chuspairean aig a’ cho-labhairt a-raoir. Nam measg, òraid mu dheidhinn na Gàidhlig air an toirt seachad anns a’ Ghàidhlig.

[Iain Keir] Uill, an tiotal a thug mi air, ‘s e sin ‘Mar a tha, mar a bha agus mar a bhios’ le comharra-ceist aig an deireadh. Agus an rud a tha mi feuchainn ri dhèanamh, tha mi feuchainn ri beagan innse dhaibh mu dheidhinn eachdraidh na Gàidhlig, beagan mun adhartas a tha sinn air dèanamh anns an 40 bliadhna mu dheireadh ‘s an suidheachadh a th’ann an-diugh agus dh’ fhaodadh tachairt anns na bliadhnaichean ri tighinn ‘s e phàirt a dh’ fhaodadh iad fhèin cluich ma dh’ fhaodhte anns an àm sin.

[Alasdair MacIllinnein – Neach-aithris] ‘S e seo a’ cho-labhairt as fhaide tuath a th’air a bhith aig TEDx gu ruige seo agus tha planaichean aig an fheadhainn a chuir air dòigh an seo a dhol fiù ’s nas fhaide tuath na seo anns na beagan mhìosan a tha romhainn.

[Alasdair MacIllinnein – Neach-aithris] Tha dùil ri co-labhairt TEDx eile ann an Arcaibh a dh’ aithghearr agus dòchas ann gun tèid co-labhairt eile a chumail ann an Inbhir Nis an ath-bhliadhna. Mura d’ fhuair sibh an cothrom a bhith an làthair a-raoir ge-tà, na gabhaibh dragh. Oir, thèid criomagan bhon cho-labhairt a-raoir a chur air làrach-lìn TED ann an ùine nach bi ro fhada agus iad gu bhith air an sealltainn aig Fèis Bhelladrum an ath-sheachdain cuideachd. Alasdair MacIllinnein, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!