FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Caithness Shinty Club Camanachd Ghallaibh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Camanachd Ghallaibh

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Dh’ fhaodadh gur ann à Gallaibh a bhios an ath sgioba chamanachd ùr ann an Alba. Tha Camanachd Ghallaibh a’ dèanamh oidhirp an-dràsta faighinn a-steach gu lìogan nàiseanta na h-iomain. Tha ùidh anns an spòrs air èirigh gu mòr sa sgìre san 10 bliadhna mu dheireadh agus tha buidheann bho thimcheall Inbhir Theòrsa air sgioba a stèidheachadh. Seo Dòmhnall MacLaomainn.

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] Chan eil iomain a’ nochdadh ann an leabhraichean eachdraidh sgìre Ghallaibh idir. Ach thairis air na 10 bliadhna a dh’ fhalbh, tha buidheann de bhalaich timcheall air Inbhir Theòrsa air ùidh a nochdadh anns an spòrs ‘s a-nis tha iad a’ trèanadh agus iad ag ullachadh airson an ath cheum a ghabhail.

[Aonghas Miller] Thòisich iomain ann an Gallaibh timcheall 2006 leis An Urramach Coinneach MacLeòid. B’ e cluicheadar iomain a bh’ann agus thòisich esan iomain airson na h-òigridh anns an sgìre. Ach, gu mì-fhortanach, chaochail Coinneach timcheall air ceithir bliadhna air ais.

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] Le bàs an Urramaich MhicLeòid, chaidh iomain cha mhòr à bith ann an Gallaibh, Ach ‘s e an gèam cuimhneachaidh na ainm a thòisich cùisean a’ dol a-rithist.

[Jamie Munro] Yeah it’s been the catalyst yes. Along with a few of the players that you know, really wanted to get into shinty, you know. Some of them here came from football who weren’t getting regular games or wanted to try something different. I myself came into it as a young adult and sort of just loved it from the minute I said go, you know?

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] Chan eil duine san sgioba fo amharas gum bi e furasta. Ach tha tuigse ann gu bheil e deatamach ballrachd fhaighinn san lìog ma tha iad dol a dh’ fhaighinn eòlas a bharrachd.

[Paul Stewart] We’ll go out there, we’ll do our best. But each game we learn and we gain more skills and we find out how the game is played tactically, because that’s probably one of our biggest weaknesses to be honest, you know. There’s a huge amount of enthusiasm but we’re all novices.

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] Agus bidh gu leòr siubhail romhpa cuideachd.

[Aonghas Miller] Tha Gallaibh cho iomallach agus tha aca ri siubhal air astaran fada. Agus airson sin, feumaidh iad cluicheadairean a tha dealasach agus feumaidh iad comataidh làidir cuideachd. Comataidh a tha cruthachadh airgead fad na h-ùine.

[Dòmhnall MacLaomainn - Neach-aithris] Sgioba ùr eile ma-thà dhan spòrs eachdraidheil seo agus dìleab iongantach air fhàgail leis an Urramach Coinneach ‘Nostie’ MacLeòid. Dòmhnall MacLaomainn, BBC An Là, Gallaibh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!