FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A mix of concerns and anticipation amongst new University students Measgachadh de dh’ iomagain agus a bhith dèanamh fiughair am measg oileanaich ùra

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Measgachadh de dh’ iomagain agus a bhith dèanamh fiughair am measg oileanaich ùra

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan] Tha 21% de dh’ òigridh na h-Alba a tha tòiseachadh cùrsaichean oilthigh am-bliadhna, am beachd a bhith ag obair tro àm teirm na h-oilthighe. Sin an ìre as àirde air feadh Bhreatainn air fad. Tha na figearan seo a rèir rannsachadh ùr a chaidh a dhèanamh airson sealladh a thoirt seachad mu na h-amasan agus na draghan a th’ air oileanaich ùra. Le barrachd, seo Kerr Gibb.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Chan fhada idir gus an tig briseadh na sìthe. An ceann mìos, bidh oilthighean air feadh na dùthcha air bhoil le seachdainean freshers. Ach ciamar a tha an fheadhainn a tha tighinn dhan oilthigh a’ faireachdainn mun ghnothach? thug ann iad agus seòrsa beatha a bhios aca?

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Chaidh rannsachadh a dhèanamh air òigridh eadar 16-19 a tha dol dhan oilthigh am-bliadhna. Tha a’ mhòr chuid an dùil airgead a chosnadh uaireigin tron bhliadhna, le 21% an Alba an dùil a bhith ag obair tron teirm. Thuirt 2/3 gur iad fhèin a-mhàin a thagh cuspair cùrsa, le 15% ag aideachadh gun robh buaidh aig am pàrantan orra agus 4% a-mhàin ag ràdh gun tug tidsear buaidh air na thagh iad. Tha roinn an ìre mhath mòr de dh’ oileanaich ùra iomagaineach gum bi iad aonranach. Agus thagh mu leth am fòn-làimhe mar an aon rud nach deigheadh iad às aonais. Dh’inns 10% an Alba nach urrainn dhaibh còcaireachd idir agus bidh teadaidh a’ tighinn còmhla ri 5%. Tha Isabelle Bain an-dràsta air greis gnìomhachas mus tèid i do dh’ oilthigh Ghlaschu. Ach dìreach a tha toirt oirre dhol ann?

[Isabelle Bain] Am prìomh adhbhar gur ann airson dreuchd mhath fhaighinn aig deireadh an latha ach bidh a h-uile duine ag ràdh gu bheil an oilthigh, gum bi tòrr spòrs ann agus tha mi ag iarraidh dhol ann airson sin fhaighinn a-mach dhomh fhìn cuideachd.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Mar cha mhòr leth de dh’ oileanaich ùra, chan eil Isabelle, no Catriona Rennie a tha a’ dèanamh air Oilthigh Dhùn Èideann, an aghaidh a bhith dèanamh obair tron teirm nuair a thèid iad dhan oilthigh.

[Catriona Rennie] Mas urrainn dhomh obair fhaighinn, mar ceangailte ris a’ chùrsa agam tha mi smaoineachadh gun cuidich e, gu mòr. Gu h-àraidh leis an seòrsa cùrsa a tha mi a’ dèanamh. Ach tha mi smaoineachadh, tha e duilich dha daoine eile sin a dhèanamh uaireannan so tha obair sam bith, gheibh iad obair sam bith dìreach airson beagan airgead fhaighinn.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Tha Comann Riochdachaidh nan Oileanach aig Oilthigh Ghlaschu ann airson taic a chumail ri oileanaich ann an iomadh dòigh, bho àireamh fòn air a bheil seirbheis èisteachd tron oidhche dhan ionadachd aig meadhan a’ champas far am faigh oileanaich comhairle.

[Liam King] A lot of the students that come to us in September, sort of new students straight out from school, a lot of the concerns of those students are usually around fitting in, having enough money to live off and sort of I think as well the pressure of living up to a kind of, the typical university lifestyle. I think those are the 3 kind of, key concerns that students have when they come to us.

[Kerr Gibb – Neach-aithris] Measgachadh ma-thà de dh’ iomagain agus a bhith dèanamh fiughair am measg oileanaich ùra. Ach math cuideachd fios g’ eil taic is cuideachadh ann ma tha sin a dhìth. Kerr Gibb, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!