FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Remembering the late piper Calum Campbell Am pìobaire Calum Caimbeul ga chuimhneachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Am pìobaire Calum Caimbeul ga chuimhneachadh

[Iain Macaonghais – Preseantair] Nise, tha leabhar ga dheasachadh làn de phuirt a sgrìobh am pìobaire Uibhisteach Calum Caimbeul, nach maireann. Chaidh cuid de na puirt agus na sgeulachdan a th'air an cùlaibh a thaisbeanadh ann an Glaschu a-raoir aig Fèis Piping Live. Bha Mgr Caimbeul na thidsear pìobaireachd ann an Uibhist airson còrr is fichead bliadhna. Chaochail e còmhla ris an nighinn aige, an duine aice agus an dithis chloinne ann am fior dhroch stoirm - ann an 2005.Tha an aithris-sa aig Anne Lundon.

[Anne Lundon – Neach-aithris] Saor, croitear agus tidsear pìobaireachd. Bha an t-Uibhisteach Calum Caimbeul aithnichte airson a’ chuid obrach sa sgìre, mus do bhàsaich e còmhla ris an nighinn aige Murdina, an duine aicese Eàirdsidh agus an dithis chloinne anns an stoirm ann an 2005. Tubaist uabhasach a thug buaidh mhòr air an sgìre. Bhathas a’ cuimhneachadh a thàlant aig tachartas mar phàirt de Piping Live a-raoir agus a theaghlach air leabhar a chur ri chèile de phuirt a sgrìobh Mgr Caimbeul.

[Niall Caimbeul] Nuair a bhàsaich m’ athair, bha e fhèin air a bhith ag obair còmhla ri mo phiuthar, Murdina, iad fhèin a’ feuchainn ris an leabhar a chur ri chèile. As dèidh dha bàsachadh, bha agamsa ris an taigh aige agus rudan a chur air dòigh agus thug sin mìosan ga dhèanamh. Beag air bheag bha mi faighinn port ann am bogsa ann an suid agus ann am folder bheag ann an àiteigin eile agus bha mi gan cur còmhla agus an ceann bliadhna, nuair a bha mi deiseil de rudan a dhèanamh, dh’ fhosgail mi am bogsa agus bha e làn de stuth pìobaireachd.

[Ashleigh NicDhòmhnaill] Thòisich mi nuair a bha mi naoi bliadhna a dh’ aois agus bhon uair sin bha e gam theagaisg gus an robh mi 18/19. Bha e uabhasach fhèin math agus bha e èibhinn cuideachd so rinn sin gu math furasta e ionnsachadh cuideachd agus bha sinn càirdeach agus ‘s e deagh charaidean a bha annainn cuideachd. Uill tha e mìorbhaileach an obair a rinn e air na puirt agus gu bheil e dìreach mìorbhaileach gu bheil iad ann an leabhar a-nis ‘s gum bi daoine eile gan ionnsachadh airson bliadhnaichean ri thighinn.

[Niall Caimbeul] Tha mi smaointinn gur e, ‘s e rud tha seo a tha toirt togail dhan teaghlach air fad. Tha e uabhasach doirbh èisteachd ri pìobaireachd ma chaidh do thogail ann an taigh far an robh pìobaire agus an uair sin gu bheil am pìobaire a tha siud air falbh. Tha mi smaointinn nam biodh e a’ faicinn na thachair an-diugh gum biodh e gu math toilichte, tha mi an dòchas gum biodh co-dhiù.

[Anne Lundon – Neach-aithris] Tha Piping Live a’ ruith fad seachdain gach bliadhna agus daoine tighinn bho fad is farsaing air a shon agus airson co-fharpais na cruinne a tha aig an deireadh-sheachdain. Ged nach eil an leabhar ri fhaighinn fhathast, bhathas airson an cothrom a ghabhail aire dhaoine a thoirt chun na cùise aig fear de na tachartasan as motha san t-saoghal son pìobaireachd. Thèid an leabhar Ceòl Chaluim a chur air bhog gu h-oifigeil san Oban anns an Dàmhair. Anne Lundon, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!