FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new Gaelic school in Lochaber Sgoil Ghàidhlig ùr an Loch Abar

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Sgoil Ghàidhlig ùr an Loch Abar

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Feasgar math. Dh’ fhosgail Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair ann an Caol a’ Ghearastain an-diugh. Tha 70 sgoilear innte an-dràsta ach tha dòchas ann gun èirich an àireamh sin anns na bliadhnaichean ri thighinn. Chosg an sgoil ùr mu £7.5m agus a bharrachd air a bhith na àite teagaisg tha e na goireas coimhearsnachd cuideachd. Seo Alasdair MacIllInnein.

[Alasdair MacIllInnein – Neach-aithris] ‘S e latha brèagha a bh’ ann an-diugh anns a’ Ghearastan agus Bun-sgoil Ghàidhlig ùr Loch Abair a’ fosgladh a dorsan do sgoilearan airson a’ chiad uair. Bha ionad Gàidhlig stèidhichte anns a’ Ghearastan fad iomadh bliadhna, ach ‘s e clach-mhìle a th’ann dha foghlam Gàidhlig sa sgìre an-diugh gu bheil sgoil fa leth a-nise fosgailte ann an sgìre a tha gu math brèagha cuideachd.

[Alasdair MacIllInnein – Neach-aithris] Chosg an sgoil mu £7.5m agus i mar phàirt do sgeama luach còrr is £50m airson seirbheisean foghlaim anns an sgìre a leasachadh. ‘S e Iain Iòsaph MacNèill à Barraigh Ceannard na Bun-sgoile agus tha esan den bheachd gur e latha mòr dha-rìribh a tha seo dhan h-uile duine a tha an sàs ann.

[Iain Iòsaph MacNèill] Uill abair latha gu dearbha fhèin airson sgìre Loch Abair agus Comhairle na Gàidhealtachd agus gu dearbha fhèin latha eireachdail airson an sgoil a’ fosgladh an-diugh. Tha sinn gu dearbha fhèin air ar beò-ghlacadh na sgoilearan, am pàrantan, sinn fhìn an luchd-obrach, Comhairle na Gàidhealtachd agus cuideachd na coimhearsnachdan ionadail againn agus na coimhearsnachdan cuideachd fad is farsaing gu bheil an sgoil a tha seo a’ fosgladh an-diugh airson foghlam a thoirt seachad tro mheadhan na Gàidhlig.

[Alasdair MacIllInnein – Neach-aithris] ‘S e sgoil mhòr a th’ innte agus i loma-làn ghoireasan. Na measg tha ceithir seòmraichean teagaisg, leis a’ chomas a dhà uimhir a chur ris an sgoil ma tha feum air, a bharrachd air goireasan cròileagain. Tha cuideachd seòmraichean ann a dh’fhaodas a’ choimhearsnachd cleachdadh airson rudan mar clasaichean oidhche. Aig an ìre-sa tha 70 sgoilear innte agus a rèir choltais, tha an gnothach a’ còrdadh riutha.

[Laura] Tha e a’ còrdadh rium gu math agus tha na tidsearan gu math còir rinn agus tha an sgoil cho math. Agus bha mi a’ cluich a-mach aig àm cluiche agus bha e sgoinneil.

[Alasdair MacIllinnein – Neach-aithris] ‘S e seo an dàrna sgoil Ghàidhlig a tha Comhairle na Gàidhealtachd air a thogail, leis an sgoil eile stèidhichte ann an Inbhir Nis. Thug iad cuideachd cead seachad airson sgoil Ghàidhlig eile ann am Port Rìgh. A thaobh na sgoile ùir ann an Loch Abar ge-tà, tha a h-uile coltas ann gum bi i na deagh ghoireas airson leasachadh na Gàidhlig san sgìre.

[Iain Iòsaph MacNèill] Tha mise smaointinn gun dèan seo leasachadh gu dearbha fhèin air Gàidhlig anns an sgìre seo. Chan e a-mhàin gu bheil sgoil againn ach cuideachd tha sinn a’ cur fàilte air pàrantan agus pàiste, a’ tòiseachadh bho 0-3 agus tha sinn cuideachd a’ cur fàilte air cròileagan a bharrachd air an sgoil-àraich againn fhìn agus leis an sin tha cothrom aig sgoilearan tòiseachadh aig ìre gu math òg agus a bhith air am bogadh sa chànan agus cuideachd sa chultar a tha againn ann an Gàidhlig.

[Alasdair MacIllInnein – Neach-aithris] Le sgoiltean Gàidhlig eile a’ cur thairis leis an àireamh de sgoilearan, tha a h-uile dòchas ann gur e sin a thachras an seo agus gur e bliadhnaichean soirbheachail a tha ri thighinn airson Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar. Alasdair MacIllInnein, BBC An Là, Loch Abar.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!