FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Skye Book Festival Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich

[Innes Rothach – Preseantair] Chaidh leabhran ùr air ainmean-àite an t-Sratha fhoillseachadh aig Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich an-diugh. The e am measg grunn leabhraichean a nochdas aig fèis na bliadhna-sa, leis an ùghdar ainmeil, Val NicDiarmaid a' foillseachadh na nobhail ùir aicese a-nochd fhathast. Ach mar a tha Calum MacIlleathain ag aithris, 's iad seann leabhraichean a bhios air aire mòran de luchd- frithealaidh na fèise am-bliadhna.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha leabhran ùr air ainmean-àite an t-Sratha air cruinneachadh grunnan ainmean a thathas a’ creidsinn nach deach a chur an clò roimhe. Chaidh mòran dhiubh a thogail bho sheann sgrìobhaidhean agus bho bhith dèanamh agallamhan le muinntir na sgìre aig a bheil eòlas fhathast. ‘S iad a’ bhuidheann Ainmean-àite na h-Alba a bh’air cùl an rannsachaidh.

[Eilidh Sgaimeal] Ainmean-àite a tha air tighinn sìos tro na linntean. Tha mi cinnteach gu bheil gu leòr ainmean-àite san sgìre nach eil ann tuilleadh, air nach eil cuimhne aig daoine tuilleadh agus sin an t-adhbhar gu bheil sinn a’ dèanamh an rannsachaidh seo airson na h-ainmean-àite a ghleidheadh mus tèid iad a-mach à bith.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chaidh an Srath a thaghadh airson an leabhran leis gu bheilear ga mheas mar àite far a bheil an eòlas air na h-ainmean ann an cunnart a dhol à bith. Seo an còigeamh leabhar anns an t-sreath ‘A’ Ghàidhlig air aghaidh na tìre’

[Robyn Ireland] ‘S e eòlas cho prìseil a th’ann an ainmean-àite. Chan ann a-mhàin gu bheil e toirt sealladh dhuinn air ar cultar ach tha iad cuideachd a’ mìneachadh an cruth-tìre ann an dòigh eadar-dhealaichte cuideachd, toirt cothrom dhuinn rudan a chì sinn ‘s dòcha a h-uile latha fhaicinn ann an dòigh eadar-dhealaichte.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chan iad a-mhàin sgrìobhaidhean ùra a th’air sgeilpichean Ionad Arois an-dràsta ge-tà, le fèill de sheann leabhraichean ga cumail ann cuideachd.

[Gilleasbuig Fearghasdan] Tha daoine a’ siubhal car fada dìreach airson na fèill. Bha mi a’ bruidhinn ri caraid à Loch Carrann a thàinig agus tha dithis eile a’ tighinn às Uibhist a dh’aithghearr. Cupal a th’ air an dreuchd a leigeil dhiubh ‘s tha iad a’ fuireach an Uibhist ‘s tha iad an-còmhnaidh a’ tighinn a-nall air an aiseig a dh’aona-ghnothach airson coimhead air na tha seo. Mar sin, chan ann dìreach às an Eilean Sgitheanach, daoine a tha fuireach anns an Eilean Sgitheanach, daoine a tha fuireach anns na h-eileanan agus air a’ Ghàidhealtachd, tha iad a’ tighinn a dh’aona-ghnothach airson na fèill seo.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha roghainn farsaing de leabhraichean ann agus leanaidh an fhèis agus an fhèill a-màireach fhathast. Calum MacIllEathain, BBC An Là, An t-Eilean Sgitheanach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!