FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Blas Festival 2015 Fèis Bhlas 2015

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Fèis Bhlas 2015

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Thathas air barrachd thiogaidean a reic air-loidhne airson cuirmean Blas na bliadhna-sa na riamh roimhe. Tha sin a rèir cheannard Fèisean nan Gàidheal, a th’ air cùlaibh an tachartais. Thòisich Blas aig deireadh na seachdain-sa chaidh agus mar phàirt dheth, tha cuirmean gan cumail air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheal, mar a tha Eilidh NicAsgaill a-nis ag aithris.

[Eilidh NicAsgaill - Neach-aithris] Anna Latharna NicIllÌosa, a’ seinn ann an Cathair-Eaglais Inbhir Nis mar phàirt de chuirm a bha dèanamh moladh air na chuir i, ri òrain is ceòl is dualchas ach ‘s ann mar sheinneadar Gàidhlig as fhèarr a dh’ aithnichear i.

[Anna Latharna NicIllÌosa] Bha an taigh againne dachaigh bheag, bhlàth, shnog gu math làn de cheòl cuideachd. ‘S e fìdhlear proifeiseanta a bha na mo sheanmhair agus bha ise fuireach còmhla rinn. ‘S e fear-stiùiridh chòmhlan-chiùil ‘orchestra’ mar gu b’ e a bha na mo sheanair agus bha mise cluinntinn sin fad an t-siubhail. ‘S e urram agus tlachd a bh’ann a bhith cluinntinn a h-uile seòrsa de cheòl ach a riamh ‘s e orain Ghàidhlig a bu mhotha a bha còrdadh rium.

[Eilidh NicAsgaill - Neach-aithris] Seo an 11mh bliadhna de Bhlas agus an fhèis stèidhichte air a’ mhodail a thathas a’ cleachdadh ann an Canada airson Celtic Colours, far a bheil cuirmean gan cumail anns na diofar choimhearsnachdan fhèin. Nam measg bha tachartas anns a’ Mhanachainn a bha comharrachadh na buaidh a bh’ aig a’ Chiad Chogadh air sgìrean camanachd na dùthcha. Tha luchd-stiùiridh na fèis air am misneachadh leis an àireamh a thiogaidean a chaidh a reic air-loidhne am-bliadhna.

[Art MacCarmaig] Tha sinn a’ soirbheachadh gu ruige seo. Chan e a h-uile àite a tha loma-làn fad an t-siubhail ach tha na h-àireamhan a tha frithealadh na fèise gu math fallain. Tha fhios agam, an fheadhainn a chaidh a reic air-loidhne ro làimh, gu bheil sinn air reic fada a bharrachd am-bliadhna na reic sinn ann am bliadhna sam bith ron sin.

[Eilidh NicAsgaill - Neach-aithris] Leis na tachartasan a’ ruith gu Disathairne, tha coltas ann gum bi cuirmean de gach seòrsa ri fhaicinn air feadh na Gàidhealtachd agus Earra-Ghàidheil thairis air an t-seachdain tha romhainn. Eilidh NicAsgaill, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!