FaclairDictionary EnglishGàidhlig

BBC ALBA launches its autumn schedule BBC ALBA a’ foillseachadh prògraman an fhoghair

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

BBC ALBA a’ foillseachadh prògraman an fhoghair

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Dh’fhoillsich BBC ALBA clàr phrògraman an Fhoghair an-diugh. Am measg eile bidh Donaidh MacLeòid a’ coimhead air ais air 30 mar Donaidh Dòtaman, mar phàirt dhen t-sreath Trusadh. Tha cuideachd prògraman gu bhith ann mu Jim Baxter agus mun fhear-ealain, Iain Labhraidh Moireasdan, no Jolomo, cho math ri sreath ùr de Bhannan. Seo Andreas Wolff.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Dh’ fhoillsich BBC ALBA clàr phrògraman an Fhoghair an-diugh. Tha an seanail a’ gealltainn gum bi rudeigin ann dhan h-uile duine.

[Mairead Mhàiri Mhoireach] Thairis air mìosan an Fhoghair tha sinn an dòchas raon farsaing de phrògraman ùra a thoirt chun an luchd-amhairc air BBC ALBA. Eadar prògraman chloinne, a thòisich a raoir le a-nis?, prògraman ùra aithriseach anns an t-sreath Trusadh, sreathan aithriseach, sreathan ciùil, dràma agus spòrs. Raon gu math farsaing de phrògraman agus prògraman àbhachdais cuideachd leithid Gaol@Gael agus Fonn Fonn Fonn.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha an sreath dràma Bannan gu bhith a’ leantainn. Chithear prògraman mun chluicheadar ball-coise ainmeil Jim Baxter nach maireann, cho math ri fear mun an fhear-ealain chliùiteach Iain Labhraidh Moireasdan, no Jolomo.

[Iain ‘Jolomo’ Moireasdan] The film profile will hopefully show me as a person, rather than just about my work all the time. This is what’s always been displayed over the past 20 years, not only in this country but in China and in America, it’s always my paintings they home in on, which is great I mean that’s what I’m about. But this is a profile about my life and work as well.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Ach a dh’aindeoin farsaingeachd de phrògraman, tha cuid den bheachd gu bheil cothrom ann fhathast gus cùisean a thoirt am feathas.

[Dòmhnall Caimbeul] Tha a’ BhBC a’ cur fada fada bharrachd de ghoireas agus de phrògraman a-staigh dhan t-seirbheis Cuimreach agus tha sinn a’ faicinn gu bheil cothrom ann ‘s dòcha barrachd a chur gu BBC ALBA a thaobh prògraman a tha am BBC a’ dèanamh airson an t-seanail agus bidh sinn ag iarraidh sin gu soilleir bhon BhBC anns na deasbadan mu dheidhinn na cairt.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bidh prògram ann mu Dhonaidh MacLeòid cuideachd agus e a’ comharrachadh 30 bliadhna dhen a phrògram chloinne Dotaman. Andreas Wolff, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!