FaclairDictionary EnglishGàidhlig

20 years of the Uist and Benbecula Accordion and Fiddle Club 20 bliadhna de Chomann Bogsa agus Fidheall Uibhist agus Bheinn na Faoghla

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

20 bliadhna de Chomann Bogsa agus Fidheall Uibhist agus Bheinn na Faoghla

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha Comann Bogsa agus Fidheall Uibhist agus Bheinn na Faoghla a’ comharrachadh 20 bliadhna bho chaidh a stèidheachadh. Dh’ fhoillsich iad leabhar aig cuirm aig deireadh na seachdain. Tha e làn dhealbhan agus sgeulachdan mu dhaoine a tha air taic a chumail ris a’ bhuidhinn nam bliadhnaichean. Chaidh Shona NicDhòmhnaill dhan chuirm dhuinn.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Cuirm-chiùil airson foillseachadh an leabhair de dhealbhan agus sgeulachdan a chaidh a chur ri chèile a’ comharrachadh na 20 bliadhna bho thòisich Comann Bogsa agus Fidheall Uibhist agus Bheinn na Faoghla.

[Tomaidh MacDhòmhnaill] Tha e air tighinn oirnn gun fhiosta. Chun urrainn dhomh chreidsinn dìreach gu bheil 20 bliadhna bhon a thòisich an club. Ach tha mi smaointinn gur e an rud math mu dheidhinn a’ chlub, tha tòrr de dh’ fheadhainn òga a’ tighinn thuige agus tha feadhainn nas sine a tha gus a bhith math fhathast, tha iad math mar tha.

[Padruig Moireasdan] Chan eil an t-uabhas cuimhne agamsa a bhith dol dhan chlub an toiseach, bha mi cho òg nuair a chaidh mi ann le mo phàrantan. An toiseach bhiodh mise ag èisteachd. An uair sin an dèidh beagan bhliadhnaichean tha mi smaointinn bhitheamaid a’ dèanamh dannsa-ceum ann agus bhiodh m’ athair a’ seinn uabhasach fhèin tric ann. Agus an uair sin an dèidh dhomh tòiseachadh air a’ bhogsa còmhla ri Fèis Tìr a’ Mhurain, nuair a bha mi ochd.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha dealbh anns an leabhar air buill a’ chomainn a’ dannsa air bòrd bàt-aiseig Cal Mac.

[Padruig Moireasdan] Uill tha iomadach cuimhne agam, thairis air na bliadhnaichean tha cuimhne agam a bhith dol air turas dha Na Hearadh, turas dhan Eilean Sgitheanach agus tha mi smaointinn thuras a Bharraigh cuideachd. Tha cuimhne agam a bhith dèanamh beagan cluich agus fiù ’s dannsa air aiseag an Loch Bhrùsda.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chan e a-mhàin luchd-ciùil a tha tighinn còmhla ann an talla Eaglais na h-Alba ann an Grìomanais gach dàrna Disathairne. Tha luchd-èisteachd dìleas ann cuideachd.

[Niall Mac a’ Phearsain] Mas urrainn dhuinn idir, ma tha sinn a’ dol tha sinn a’ dol ann. Anns a’ bhliadhna a chaidh seachad bha mi cha mhòr ann a h-uile oidhche. Oidhche laghach, tòrr ciùil, seann cheòl agus tòrr òigridh a’ tighinn a-staigh agus an diofar a chì thu orra sin a h-uile seachdain ‘s a h-uile mìos, dìreach bheir e toil inntinn mhòr dhut.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tro na bliadhnaichean, tha cuid de na buill air grunn dhealbhan a tharraing aig cruinneachaidhean na buidhne . Tha cuid dhiubh anns an leabhar ùr agus tha stòras mhòr air DVD a tha an cois an leabhair. Cruinnichidh an luchd-ciùil Disathairne-sa tighinn airson a’ chiad oidhche dhen t-seisean seo. Shona NicDhòmhnaill, BBC An ann am Beinn na Faoghla.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!