FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Creed Recycling Centre Ionad Ath-chuairteachaidh a’ Ghrìde

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Ionad Ath-chuairteachaidh a’ Ghrìde

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Thathas ag iarraidh air muinntir nan Eilean Siar a bhith nas mothachaile air an sgudal a tha iad a’ tilgeil a-mach agus barrachd stuth ath-chuairteachadh. Tha 10 bliadhna ann bhon a dh’ fhosgail Ionad Ath-chuairteachaidh a’ Ghrìde air iomall Steòrnabhaigh. Tha iad a’ làimhseachadh mòran ann an sin ach dh’ fhaodadh iad barrachd a dhèanamh tha iad ag ràdh. Bidh iad ag ath-chuairteachadh iomadh rud bho phàipear, plastaig, glainne agus stuth organach. Seo Ruairidh Rothach.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Robh sibh riamh a smaoineachadh tha tachairt dhan stuth tha dol a-steach dha na bionaichean uaine, glas agus gorm? Uill ann an Leòdhas agus Na Hearadh tha a’ mhòr-chuid dheth a’ tighinn an seo gu Ionad Ath-Chuairteachaidh a’ Ghrìde agus thèid e chur gu feum a-rithist. Fhuair mise cuireadh a dhol a-steach airson faicinn mar a tha cùisean ag obair ann.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tha an làraidh seo dìreach air tighinn bhon Rubha, loma-làn le na bha anns na bionaichean gorm ‘s uaine. an ath cheum dhan stuth nuair a ruigeas e an t-ionad seo?

[Dòmhnall MacÌomhair] Uill tha an stuth tha seo a’ tighinn a-steach, seo an stuth a bhios sinn ag ath-chuairteachadh agus tha sinn ga chur tron phicking station tha seo agus bidh daoine ag obair air a’ phicking station agus bidh iad a’ sortadh a-mach an stuth a tha seo. ‘S bidh plastaig a’ tighinn a-mach, chì sibh gu bheil plastaig air a chumail eadar-dhealaichte bhon phàipear ‘s bidh sinn an uair sin ga chur tron veilear tha seo agus bidh e ga chur air falbh chun a’ mhainland.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tha stuth organach a’ tighinn an seo cuideachd. Thathas a’ dèanamh todhar dhe cuid dhen stuth ach cuideachd tha an gas a tha tighinn bhuaithe ga chleachdadh airson dealan a chruthachadh.

[Dòmhnall MacÌomhair] ‘S tha sinn ga phrosaigeadh a-steach an seo tron an digester againn agus bidh sinn a’ dèanamh compost a-mach às an sin agus tha sinn cuideachadh a’ cruthachadh tòrr dealain a-mach às an sin cuideachd. Bidh einnsean gas againn a’ dol nuair a bhios gas a’ tighinn bhon phròiseas tha sin.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Ged a tha an uimhir de stuth fhathast ga ath-chruthachadh aig an ionad a’ sìor fhàs naoi bliadhna bhon a dh’ fhosgail e, thathas ag iarraidh air barrachd dhaoine a bhith ag ath-chuairteachadh.

[Iain Caimbeul] Tha an stuth a tha tighinn a-steach tòrr nas fheàrr na bha e. Cuideachd a-nis tha e nas fhurasta dha daoine an stuth ath-chuairteachadh eadar na bionaichean a tha aig nan taighean aca fhèin agus cuideachd na recycling banks a th’ againn. Tha daoine ann fhathast nach eil a’ bodraigeadh agus sin a tha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh, ‘s e bhith ag obair còmhla ri na daoine sin, ag innse dhaibh cho furasta ‘s a tha an suidheachadh dhaibh agus cuideachd ma tha càil sam bith ann as urrainn dhuinn, sinn fhìn a dhèanamh a chuideachadh.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Ruairidh Rothach, BBC An Là, Ionad Ath-Chuairteachaidh a’ Ghrìde.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!