FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A company in Uist which handles seaweed wins new contract Cùmhnant ùr do chompanaidh an Uibhist a tha a' giullachd feamainn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Cùmhnant ùr do chompanaidh an Uibhist a tha a' giullachd feamainn

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Nise fhuair companaidh ann an Uibhist a Tuath cùmhnant airson phosphor a thoirt às an uisge ann an dòigh a tha seasmhach agus uaine agus nach cosg cus a bharrachd. Tha Uist Asco am measg seachd companaidhean beaga a fhuair £40,000 an urra airson na h-obrach. Leis a’ chùis an-dràsta aig ìre sgrùdaidh, dh’ fhaodadh tuilleadh airgid a bhith feitheamh cuideachd. Seo Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha phosphor air a chleachdadh ann am feamainn gallda. Tha cuid dheth ga chall anns an talamh agus a’ sruthadh dhan mhuir. A-nis tha companaidh a tha giullachd feamainn ann an Uibhist a Tuath a’ coimhead air dòighean air stad a chur air a’ chall sin.

[Raghnall MacIain] Tha sinn a’ coimhead air seo an-dràsta airson dòigh air a’ phosphor sin a ghlacadh agus a chumail air tìr. ‘S e an rud eile- tha phosphor a’ fàs nas gainne. Chan eil mèinnean air fhàgail ach ann am Morocco agus cha mhair iad sin gu bràth idir.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shoirbhich leis a’ chompanaidh ann am farpais air a’ stiùireadh le Iomairt nan Gàidhealtachd agus nan Eilean gus dòighean innleachdach fhaighinn tron roinn phrìobhaidich air phosphor a thoirt às uisge.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Fhuair seachd companaidhean beaga à Breatann agus Eìrinn a Tuath cùmhnant de £40,000 airson an obair rannsachaidh aca a thoirt chun an ath cheum. Agus bidh ceithir dhiubh sin air an taghadh airson cùmhnant de £100,000 gach companaidh. Feumaidh an obair a bhith seasmhach, uaine agus gun chus cosgais.

[Raghnall MacIain] An dòigh as sìmplidh ‘s e ga chur ann am poca agus an t-uisge, sin a chaitheadh dhan t-sruthan agus an t-uisge an uair sin a’ ruith troimhe agus faodaidh an uair sin an tuathanach tilleadh agus am poca fhuasgladh agus an fheamainn sin, leis a’ phosphor a-nis ann, asgaoileadh air ais air an talamh aige.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S e an ath cheum aig a’ chompanaidh dearbhadh gun obraich seo air an tuath. ‘S ann mu thoiseach na h-ath-bhliadhna a thig dearbhadh air co-dhùnadh na farpais. Shona NicDhòmhnaill, BBC An ann an Uibhist a Tuath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!