FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Conference on Galley Castles in Barra Co-labhairt Caistealan nam Birlinn am Barraigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Co-labhairt Caistealan nam Birlinn am Barraigh

[Iain MacIlleathain – Preseantair] An comhairliche Dòmhnall Crichton an sin. Nise ‘s iongantach mura h-eil sinn uile eòlach air caistealan agus dùin a tha ri oir na mara. Gu dearbha tha e nas dorra smaoineachadh air feadhainn nach eil fo gheasaibh na h-aitearachd bhuain. Ge-tà, carson a tha iad cho pailt mu na h-oir-thìrean? Bha sin ga chnuasachadh aig co-labhairt nan eòlaichean ann am Barraigh aig an deireadh-sheachdain. Tha Andreas Wolff ag aithris.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Chaidh Bagh a’ Chaisteil ann am Barraigh a thaghadh airson co-labhairt air Caistealan nam Birlinn le Urras Leabhraichean nan eilean.

[Alasdair MacEachainn] Chuala sinn air aon làimh ‘s dòcha cho cudromach ‘s a bha na caistealan a thaobh slighean mara ach an uair sin chuala sinn taobh eile dheth ag ràdh, uill, chan ann a thaobh slighean mara a-mhàin a bha na caistealan rudeigin cudromach ach airson rudan eile a bha dol a thaobh dìon an àite ‘s ma dh’ fhaodte seòrsa marsantachd a bha dol aig an àm.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha beachd ann gun deach Caisteal Chiosmuil a thogail o chionn timcheall air 500 bliadhna. Ach chualas mu oidhirpean nan arc-eòlaichean gus bliadhnaichean togail nan caisteal a stèidheachadh nas fheàrr, tro bhith ag ùisneachadh teicneòlas sgrùdaidh charbon. Agus tha ùidh mhòr aig MacNèill fhèin ann an eachdraidh nan caistealan.

[Ruairidh MacNèill] Bha m’ athair ag obair airson deich bliadhna a-muigh ann an caistealan nan eilean, mu dheidhinn eachdraidh nan caistealan eileanach. Bha mo mhàthair, agus mise, bha sinn a’ smaointinn gum biodh e math nam biodh conference ann.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Agus thèid eòlas na co-labhairt a chur gu feum aig Caisteal Chiosmuil.

[Curstaidh NicDhòmhnaill] An ath-bhliadhna bidh sinn a’ coimhead air ath-mhìneachadh a dhèanamh taobh a-staigh a’ chaisteil mar gum biodh. Bùird taisbeanaidhean ùra agus rudan mar sin. Agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith cleachdadh an rannsachaidh a thàinig bhon cho-labhairt seo airson fios a thoirt dhuinn airson nam pannalan ùra againn.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Ach chan ann a-mhàin mu Chaisteal Chiosmuil a bhathar a’ bruidhinn. Thàinig eòlaichean bho fad is farsaing.

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Bha mi dìreach a’ bruidhinn mu dheidhinn nan caistealan a tha ann an Caol Mhuile agus gu sònraichte bha sinn a’ bruidhinn an toiseach mu dheidhinn Caisteal Mhiughalaigh agus am blàr a thachair ann am Bàgh na Fala dìreach dlùth air Miughalaigh an sin ach air an taobh Mhuile.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bidh leabhar a’ tighinn a-mach leis an fhiosrachadh bhon cho-labhairt seo ann an ùine gun a bhith ro fhada. Andreas Wolff, BBC An ann am Barraigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!