FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A message to Gaelic speakers from Alasdair Allan Teachdaireachd do luchd-labhairt na Gàidhlig bho Alasdair Allan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Teachdaireachd do luchd-labhairt na Gàidhlig bho Alasdair Allan

[Angela NicIlleathain – Preseantair] is coireach gu bheil Gàidheil tric a’ diùltadh an cànan a bhruidhinn anns na coimhearsnachdan aca fhèin fiù ’s ri clann ann am foghlam Gàidhlig. Thog ministear chànanan na h-Alba, Alasdair Allan, a’ cheist an-diugh 's e toirt seachad òraid aig co-labhairt thidsearan Gàidhlig. Thuirt e gu feumar freagairt fhaighinn agus a’ chùis a leasachadh. Gheall e cuideachd gun tèid neartachadh air bile an fhoghlaim a thaobh na Gàidhlig fhoillseachadh a dh’ aithghearr. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Bùithtean-obrach anns gach oisean. Tidsearan ag ionnsachadh mu ghoireasan teagaisg ùra. ‘S ann mu theagasg a tha co-labhairt Alltan. Ach tha cothrom air ceistean nas motha cuideachd. Tha bile foghlaim a’ dol tron phàrlamaid an-dràsta. Stèidhicheadh e process tro feum Comhairlean dèiligeadh le iarrtas airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Ach tha cuid mì-thoilichte nach toir e làn chòir air foghlam Gàidhlig. Ged nach bi i sin ann, gheall ministear an fhoghlaim Alasdair Allan gum foillsich e neartachadh air a’ bhile a dh’ aithghearr.

[Alasdair Allan BPA] Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil cothrom ann airson a bhith bruidhinn mu dheidhinn cuspairean mar ‘entitlement’ agus a leithid. Cuspairean mar ‘presumption.’ So, am facal as fhèarr a th’ann fon lagha? Feumaidh sinn a bhith faiceallach am facal as fhèarr a th’ann. Ach bidh rudeigin anns na molaidhean mu a bhith dèiligeadh ris na ceistean a tha air a bhith gan togail mu dheidhinn nan còirichean sin.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Anns an òraid rinn am ministear soilleir gu bheil na bheachd san, foghlam garbh cudromach ach nach dèan e leis fhèin e. Thuirt e gu robh e airson barrachd Gàidhlig fhaicinn anns na coimhearsnachdan agus daoine aig a bheil a’ Ghàidhlig a’ bruidhinn na Gàidhlig barrachd ris a’ chloinn a tha dol dhan sgoil.

[Alasdair Allan BPA] Bu chòir dhuinn gu dearbha, feumaidh sinn an suidheachadh seo a leasachadh. Feumaidh sinn obrachadh còmhla, na coimhearsnachdan Gàidhlig air feadh na h-Alba gus dèanamh cinnteach gu bheil an cànan ga chleachdadh ann am beatha làitheil. Nam choimhearsnachd fhèin, tha mi air luchd-labhairt na Gàidhlig fhaicinn ‘s iad a’ diùltadh Gàidhlig a bhruidhinn ri clann a tha fileanta sa Ghàidhlig. Feumaidh sinn faighinn gu cnag na cùise feuch carson a tha seo fhathast.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Ceistean mòra, ach chuir am ministear goireas ùr aig bhog an-diugh cuideachd. Go! Gaelic. Air a dhealbh le Stòrlann airson tidsearan a chuideachadh a’ teagaisg na h-uimhir de Ghàidhlig ann an sgoiltean Beurla na h-Alba.

[Dòmhnall Moireasdan] Saoilidh mi gu bheil cothrom againn an seo àrdachadh mòr mòr mòr a dhèanamh air na h-àireamhan a tha co-dhiù a’ faighinn beagan tuigse air a’ chànan. Agus co aig a tha fios, ‘s dòcha gun tog iad air sin nuair a ghluaiseas iad chun àrd-sgoil.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Ach ‘s e an teachdaireachd as inntinniche bhon latha an-diugh gu dòcha gur ann ri na Gàidheil fhèin anns na coimhearsnachdan a tha e an urra an ath cheum do leasachadh na Gàidhlig a ghluasad bho dhearg gu uaine. Dòmhnall Moireasdan, BBC An anns an Aghaidh Mhòr.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!