FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Questions about the Leverhulme Memorial School building Ceist mu aitreabh Sgoil an t-Òib

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Ceist mu aitreabh Sgoil an t-Òib

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Tha ceist air èirigh mu na thachras do dh’ aitreabh Sgoil an t-Oib anns Na Hearadh. Chuir a’ chomhairle romhpa an sgoil a leasachadh. Chan eil feum an-diugh ge-tà ach air an aon togalach. Thòisich deasbad mu bu chòir tachairt dhan togalach eile, a tha an-dràsta na Sgoil Àraich. Tha roghainn ann a leigeil. Ach tha muinntir an àite son a chumail mar goireas coimhearsnachd. Tha an aithris-sa aig Ruairidh Rothach.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tha Sgoil an t-Oib feumach air leasachadh. Tha oidhirp a’ dol an-dràsta an dàrna leth dhen togalach ath-nuadhachadh. Ach tha ceist mu choinneamh thachras dhan t-seann Bhunsgoil far a bheil an sgoil-àraich an-dràsta. Le àireamh nan sgoilear air a dhol sìos thar nam bliadhnaichean, chan eil feum air thogalach. Ach tha miann aig muinntir an àite an togalach a chumail air sgàth dìth ghoireis dhe leithid anns an sgìre. Agus chan e seo a mhàin. Tha tòrr eachdraidh co-cheangailte ris an t-seann togalach. Chaidh a thogail ann an linn Leverhulme.

[Hamish Mac an Tàilleir] Tha mi smaoineachadh gur e, mar gum biodh ‘social club’ luchd-obrach aig Lord Leverhulme a bh’ ann an siud anns a’ phìos ud o thoiseach agus mar sin chan eil sinn cinnteach fhathast a bheil e listed no nach eil. Dh’ fhaodadh e bhith gu bheil agus ‘s e sin ceist eile ach tha, cuideachd, ma thèid a chumail tha cosgais gu bhith na lùib agus feumar a h-uile càil dhen sin a chothromachadh ri chèile.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tha cuid de dhaoine a’ gearain air na meadhanan sòisealta mu dhol a-mach na comhairle agus iad ag ràdh gu bheil a’ chomhairle airson an togalach a leigeil gun cothrom a thoirt dhan choimhearsnachd a chleachdadh.

[Catriona Stiùbhart] Uill aig an ìre seo chan eil duine air a thighinn gu co-dhùnadh sam bith mu dheidhinn an dàrna togalaich. Tha àireamh nan sgoilearan air a dhol sìos gu 23 agus le sin tha sin dol a dhèanamh an-àird aon phàirt dhen sgoil agus bha sinn shìos a’ sealltainn dhaibh dealbhan, rud a ghabhadh a dhèanamh ris an sgoil. Ach, cha robh duine air a thighinn air adhart le plana gnìomh sam bith airson an t-seann phìos sgoile a dhèanamh an-àirde. Agus thuirt stiùiriche an fhoghlaim gun toireadh e trì mìosan do bhuidheann sam bith no do dhuine sam bith bha ag iarraidh a thighinn an-àirde le plana gnìomh airson an togalaich.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Tha trì mìosan aig muinntir an t-Oib airson plana ghnothachais a chur air dòigh a chuireas an cèill mar a thèid an togalach a chur gu feum. Bidh coinneamh phoblach ann Diluain-sa tighinn airson beachdachadh air an togalach a chur gu feum. Agus tha beachd no dhà air tighinn am bàrr mar-tha .

[Hamish Mac an Tàilleir] Tha tòrr de rudan ann. Ceann a Deas Na Hearadh agus Na Hearadh air fad, chan eil togalaichean againn nach eil air an cleachdadh mar-tha a ghabhadh cleachdadh airson rudan dhen t-seòrsa sin. Agus tha sin a’ cur bacadh gu leòr air iomairtean a dh’ fhaodadh a bhith dol air adhart, nach eil toglaichean againn anns an cuir sinn iad.

[Ruairidh Rothach – Neach-aithris] Ruairidh Rothach, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!