FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bayhead Post Office Oifis a' Phuist Ceann a' Bhàigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Oifis a' Phuist Ceann a' Bhàigh

[Dòmhnall Moireasdan] Tha grunn ghearanan air nochdadh mu sheirbheis Oifis a' Phuist ann an Ceann a' Bhàigh ann an Uibhist a Tuath. Chan eil an oifis fosgailte ach sia uairean a thìde gach seachdain, ach bho chionn ghoirid tha làithean nach eil e air fosgladh idir. Leis an sin thàinig air daoine siubhal gu ruige Loch nam Madadh no Baile a' Mhanaich. Chaidh leisgeul a thabhainn airson na thachair o chionn ghoirid. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] 'S ann air taobh an iar Uibhist a Tuath a tha a' chuid as motha de shluagh an eilein a' fuireach. Ach, a dh’aindeoin sin chan eil ri fhaighinn ach sia uairean san t-seachdain eadar latha de sheirbheis Oifis a’ Phuist. Bho chionn greis a-nis chan eil fiù ‘s na beagan uairean sin fhèin de sheirbheis air a bhith cunbhalach. Suidheachadh a tha na thrioblaid don choimhearsnachd.

[Mòrag NicBheathain] Oh tha gu dearbha. Tha sgìre mhòr an seo, o dh'fhàgas tu an sgoil gun ruig thu a-null an cladach. Bha iad sin uile ag usaigeadh a’ phost office. Ach, feumaidh iad a-nis a dhol gu àiteigin eile mura bi i fosgailte.

[Mòrag Dhòmhnallach] Tha gum feum sinn tagsaidh fhaighinn, mi fhèin agus an a tha thall an ath-dhoras dhomh an seo. Feumaidh sinn sin fhaighinn a h-uile madainn Diluain sìos a Cheann a' Bhàigh. Uaireannan cha bhi fhios againn gun ruig sinn co-dhiù tha i gus a bhith fosgailte no nach eil. ‘S ma tha i dùinte feumaidh sinn a dhol gu Loch nam Madadh.

[An Comh. Ùisdean Robasdan] Fhios agad a thaobh còmhdhail mar eisimpleir agus tha seo air a bhith a’ tachairt grunn thursan anns na seachdainean a th’ air a dhol seachad agus tha e mar gum biodh e a' fàs nas miosa mar a tha an ùine a' dol air adhart, agus tha e cosgail do dhuine sam bith ma dh'fheumas iad tagsaidh fhaighinn a-mach a Loch nam Madadh no a Bheinn na Faoghla.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Ged is ann sa bhùth seo a tha seirbheis Oifis a’ Phuist ri fhaighinn ann an Ceann a’ Bhàigh, chan eil turas aig a’ bhùth fhèin ris an t-seirbheis sin. ‘S ann a thathar ga ruith à Oifis a’ Phuist ann am Baile a’ Mhanaich. Thuirt Iar-Mhaighstir Postachd Bhaile a' Mhanaich, Cailean Caimbeul: "Tha sinn a' tairgsinn ar leisgeul dhan luchd-cleachdaidh nach robh seirbheis ri fhaotainn an t-seachdain seo. ‘S e a' chiad uair nach robh seirbheis ri fhaighinn air co-dhiù aon den t-seachdain. Thuirt neach-labhairt bho Oifis a' Phuist: "Faodaidh daoine a tha ag iarraidh seirbheis Oifis a' Phuist goireasach sam bith a chleachdadh, nam measg Oifis a' Phuist aig a' Chlachan, ann an Stòr a' Chlachain." Ach dhùin a' bhùth sin bho chionn ghoirid, agus tha mì-chinnt ann mun t-seirbheis a tha ri fhaighinn.

[Mòrag NicBheathain] Oir b' àbhaist dhuinn a dhol chun a' Chlachain, ach bha an uair sin làithean eile a bhitheamaid ann nuair nach robh airgead gu leòr aca. Chanadh i fhèin rinn "sorry, no money for you today.”

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, ann an Uibhist a Tuath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!