FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Plenty prizes being awarded in Oban Duaisean gu leòr san Òban

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Duaisean gu leòr san Òban

[Innes Rothach – Preseantair] ‘S i Flòraidh NicPhàil à Tiriodh bàrd ùr a' Chomuinn Ghàidhealaich. Chan eil ach còignear bhoireannach air an tiotal fhaighinn bhon a thòisichear ga thoirt seachad ann an 1923. Tha tuilleadh aig Andreas Wolff.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] ‘B e litreachais a bh’ ann an-diugh cuideachd aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus chaidh iomadach duais a thoirt seachad airson leabhraichean agus sgeulachdan. A bharrachd air sin, fhuair Cairistìona NicChoinnich duais neach-ionnsachaidh na bliadhna. Tha i à Steòrnabhagh agus dh’ ionnsaich i a’ Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig agus aig Colaiste a’ Chaisteil. Tha i an-dràsta ag obair aig Pròiseact nan Ealan.

[Cairistìona NicChoinnich] Bha mi a’ cluinntinn Gàidhlig san taigh agus nuair a bha duine tighinn dhan taigh bhiodh iad a’ bruidhinn Gàidhlig. Tha mi air a bhith a’ cluinntinn Gàidhlig fad mo bheatha ach bha mi bruidhinn ann am Beurla agus tha e gu math duilich a bhith feuchainn a bhith bruidhinn ann an Gàidhlig nuair a tha thu cleachdte ri bhith bruidhinn ann am Beurla.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Choisinn Flòraidh NicPhàil à Tiriodh duais Bàrd a' Chomuinn Ghàidhealaich. ‘B e tidsear a bh’ innte agus tha i air mòran dhaoine a bhrosnachadh gus Gàidhlig ionnsachadh. Ged a chaidh duais Bàrd a' Chomuinn a thoirt seachad an toiseach ann an 1923, cha d’ fhuair ach còignear bhoireannach an duais ron seo.

[Flòraidh NicPhàil] Chan àbhaist dhomh bhith anns an spotlight mar seo ach ‘s e urram a th’ ann agus feumaidh mi aideachadh gu bheil e toirt toileachas dhòmhsa agus ma tha na rudan a tha mise a’ sgrìobhadh a’ toirt toileachas do dhaoine eile uill, tha sin gasta.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] B’ i Flòraidh a sgrìobh an t-òran Maraiche nan Cuantan a’ choisinn duais aig a’ Mhòd ann an 2001. Andreas Wolff, BBC An Là, an t-Oban.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!