FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Skye bridge is 20 years old Drochaid an Eilein Sgitheanaich 20 Bliadhna

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Drochaid an Eilein Sgitheanaich 20 Bliadhna

[Innes Rothach – Preseantair] Tha fichead bliadhna ann an-diugh bhon a dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich. Thug an drochaid atharrachadh mòr air dòigh-beatha an eilein - ach cha bheag a' chonnspaid a thàinig na cois cuideachd. Chaidh na ficheadan an dìteadh airson a bhith a' diùltadh cìs na drochaid a phàigheadh, gus an deach cur às dha ann an 2004. Tha an aithris seo aig Coinneach Mac a' Ghobhainn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] ‘S mathaid gu bheil e duilich a chreidsinn ach airson 20 bliadhna a-nis, tha carbadan air an t-slighe a dhèanamh tarsainn air drochaid an Eilein Sgitheanaich. ‘S iomadh rud a dh’ atharraich bhon uair sin. Ach, tha buannachdan air a thighinn na cois.

[An Comh Hamish Friseal] Uill tha daoine a-nis, tha iad saor a bhith falbh uair sam bith a thogras iad agus an latha a dh’ fhosgail an drochaid thòisich sin. Daoine falbh air obair ghnìomhachais agus falbh cuideachd air obair shòisealta, ‘s dòcha tighinn gu Inbhir Nis no àite sam bith airson cèilidh agus faighinn air ais anns an aon là. Agus cha robh uallach sam bith orra nuair a bha iad a’ fàgail nam bailtean mòra bha sin nach fhaigheadh iad dhachaigh. Ged a tha làithean ann fhathast ma tha gaoth mhòr ann ‘s dòcha nach fhaigh iad dhachaigh ach, anns an fharsaingeachd ‘s e buannachd mhòr a bha sin anns an dòigh a bha sin.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Ach gu deimhinne cha b’ ann gun chonnspaid a bha an gnothaich. Ri linn cùmhnant PFI leis an deach a togail, bha cìsean àrd air an drochaid, rud a bhrosnaich iomairt làidir dha-rìribh na h-aghaidh. ‘S tha deagh chuimhneachain aig gu leòr air an dearbh oidhirp.

[Art MacCarmaig] ‘S e a’ chuimhne as motha a th’ agam air an drochaid bhon a dh’ fhosgail i ‘s e gu robh iomairt gu math mòr ann leis a’ choimhearsnachd airson cur às dha na cìsean air an drochaid agus tha fhios aig a h-uile duine gur e a’ chiad chùmhnant PFI a bh’ ann agus gu robh airgead prìobhaideach agus airgead an riaghaltais an sàs ann. Ach bha a’ chompanaidh aig an robh an drochaid an toiseach, bha iad a’ dol a dhèanamh fortan às agus bha sin a’ dol a thoirt buaidh gu math mòr air eaconamaidh an Eilein Sgitheanaich chanainn agus thòisich iomairt agus bha an iomairt soirbheachail aig a’ cheann thall. Thug e greiseag dhuinn ach mu dheireadh thall cheannaich Riaghaltas na h-Alba a’ chùmhnant agus ‘s ann leothasan a-nis a tha an drochaid.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Cha b’ ann gu 2004 a chaidh an drochaid a cheannach leis an riaghaltas. Ron sin, nochd grunnan sa chùirt airson diùltadh a’ chìs a phàigheadh. Le drochaid gun chìsean, tha mòran taingeil airson na rinnear.

[An Comh Hamish Friseal] Uill bha agus bha iomadh duine, chuir iad am beatha fhèin ann an dragh dh’ fhaodadh tu ràdh, timcheall air seo agus bha feadhainn dhiubh a’ dol gu prìosan, a’ dol gu cùirt agus rudan mar sin ach tha mi deagh chreidsinn gu bheil a h-uile duine a bhuannaich a-mach à sin gu math taingeil gun do rinn iad sin agus gu bheil sinn a-nise saor ‘s an- asgaidh a’ dol seachad air an drochaid sin agus ‘s dòcha an strì a rinn iad ach gun do rinn e feum mhòr dhan Eilean Sgitheanach.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] 20 bliadhna as dèidh dhi fosgladh ma-thà, cha bheag a’ bhuaidh a th’ air a bhith aig an drochaid-rathaid tarsainn air a’ Chaol air coimhearsnachd nan Sgitheanach. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!