FaclairDictionary EnglishGàidhlig

21st Century shieling Àirigh an 21mh Linn

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Àirigh an 21mh Linn

[Dòmhnall Moireasdan – Preseantair] Nise, uair san t-saoghal bhiodh na Gàidheil a’ cur seachad làithean fada geala an t-samhraidh a-muigh air a’ mhòintich ann am bothain bheaga. An-diugh, tha na seann àirighean air tuiteam às a chèile, ach tha buidheann choimhearsnachd air taobh siar Leòdhais am beachd ùr a thogail son innse do dhaoine mu eachdraidh dòigh-beatha an sinnsirean. Tha an aithris seo aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Fad linntean mòra bhiodh na Gàidheil a’ coiseachd a-mach dha na dachaighean samhraidh aca air a’ mhòintich. Ghabh mise cuairt anns a’ mhoch mhadainn gu seann àirighean muinntir Bhrù, am baile agam fhìn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] An-diugh, chan fhaicear ach tobhtaichean nan àirighean air oir lochan agus bruaichean aibhnichean ach tha plana ann àirigh a thogail às ùr airson sealltainn do dhaoine mar a bha na seann Ghàidheil a’ tighinn beò thar mìosan an t-samhraidh. Ach cha leig daoine leas cuairt fhada dhuilich a dhèanamh a-mach dhan mhòintich oir nas luaithe na dhol a-mach chun na h-àirigh mar a b’ àbhaist, tha iad am beachd an àirigh a thoirt a-steach gun t-shluagh.

[Margaret Joan NicLeòid] ‘S e seo pàirt de stòiridh an taobh siar. Tha luchd-turais a’ tòiseachadh aig na tursachan, ag ionnsachadh mu dheidhinn sin ‘s bidh iad a’ dol gu na Gearannan ‘s am Broch agus a’ dol sìos Shiaboist chun a’ mhuilinn, ‘s an Arnol dhan an taigh-dubh. ‘S cha bhian còrr aca tuilleadh gu ruig iad Steòrnabhagh.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Fhuair iad cead àirigh a thogail air an làraich seo faisg air an rathad mhòir le rùm gu leòr airson bus do luchd-turais. Chan e a-mhàin stad air slighe na turasachd a bhios ann ge-tà. Tha iad an dòchas gum bi e na tharraing do Ghàidheil nach do dh’ fhiosraich riamh an caitheamh beatha seo agus do ghinealach òg an latha an-diugh.

[Margaret Joan NicLeòid] Ma tha an curraicealam ùr a’ brosnachadh gum bi sgoilearan ag ionnsachadh mu dheidhinn eachdraidh, mu dheidhinn croitearachd agus tha buidhnean ann a chuidicheas le seo mar ‘crofting connections’ agus tha tòrr mòr a bharrachd cothrom ann anns an latha a th’ ann airson ionnsachadh mu dheidhinn sin. Às eugmhais àirigh chan eil stòraidh an taobh siar deiseil.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha an comann eachdraidh an dòchas gum bi an seann àirigh ùr deiseil as t-samhradh an ath-bhliadhna. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, air an àirigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!