FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Flannan Isles Memorial Cuimhneachan nan Eilean Flannach

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Cuimhneachan nan Eilean Flannach

[Angela NicIlleathain] Chailleadh iad bho chionn còrr agus ceud bliadhna ach tha na dh'fhaodadh a bhith air èirigh dhan triùir fhear-gleidhidh sna h-Eileannan Flannach fhathast na chuspair cnuasachaidh. Tha planaichean ann a-nis an sgeulachd a chumail beò dha na ginealaichean a tha ri thighinn le carragh-cuimhne agus taisbeanadh mòr ann am Breascleit air taobh siar Leòdhais. Tha an aithris-sa aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Mu 20 mìle bho oir-thìr Leòdhais tha na h-Eileanan Flannach. Bliadhna as dèidh fosgladh an taigh-sholais chaidh an triùir fhear-gleidhidh à sealladh -Tòmas Marshall, Seumas Ducat agus Dòmhnall MacArtair, a thogadh agus a rugadh ann am Breascleit, baile le dlùth cheangal ris an sgeulachd. Dh’ fhalbh iad à cidhe a’ bhaile agus ‘s ann an seo a bhios an carragh-cuimhne. Thogadh an taigh seo do theaghlaichean nam fear-ghleidhidh agus bidh e mar phàirt chudromach dhen taisbeanadh mòr.

[Coinneach MacIllInnein] ‘S e an ‘taigh mòr’ a th’aig a h-uile duine air an taigh-sa anns a’ bhaile, an ‘taigh mòr.’ Agus tha cuimhne agam fhìn nuair a bhiodh sinn anns an sgoil agus bhiodh am Pole Star a’ tighinn a-steach bhon Òban an seo a h-uile mìos no mhìos agus chluinneadh tu i agus chitheadh tu i ‘s bhiodh i oidhche air acair anns an loch ‘s dh’ fhalbhadh an uair sin na keepers a bha a’ dol a-mach airson an ath shioft, bhiodh iad air falbh oirre agus bhiodh an fheadhainn eile a’ tilleadh gu tìr. ‘S bha sin a’ tachairt agus bha ceangal mòr anns a’ bhaile ris a h-uile càil a bha tachairt air na h-eileanan. Agus daoine a bha ag èirigh suas agus iad a’ cluinntinn mu dheidhinn rud a thachair agus bha sin ga chumail beò cuideachd fad na tìde.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Cho-dhùin an sgrùdadh oifigeil gun do fhalbh a’ mhuir leotha. Ach cha do chuir sin stad air iomadach beachd eile mu na dh’ èirich dhaibh. Air ais air tìr tha ballachan na dachaigh aig Dòmhnall MacArtair fhathast nan seasamh, ‘s bidh sin cuideachd air slighe aithris na sgeulachd.

[Coinneach MacIllInnein] Tha mi den bheachd gu feum sinn rud, nuair a sinn e, gu feum an rud a bhith math agus air dhòigh ‘s gun tarraing e daoine a-steach agus gu h-àraidh luchd-turais ‘s gun tig iad a’ choimhead air an taisbeanadh ‘s air a’ charragh-cuimhne ‘s air an taigh mhòr. Agus air an taigh no air an tobhta far an do dh’ fhalbh Dòmhnall MacArtair, tha sin ceangailte ris cuideachd. Agus bheireadh e latha math dha daoine a bhith dol timcheall air sin agus gum falbhadh iad an dèidh a bhith a’ dol tron taisbeanadh ‘s na ceanglaichean a tha sin gum falbhadh iad ag ràdh riutha fhèin, uill bha siud math ach fon ghrèin a thachair dha na balaich ud.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] ‘S iomadh ginealach a chaidh am beò-ghlacadh le sgeulachd an triùir a chailleadh ach dh’ fhaodhte gur e an dìomhaireachd mu mar a fhuair iad bàs a tha fàgail gu bheil an sgeulachd aca fhathast beò. Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Breascleit.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!