FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Kirsteen MacDonald An Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

An Aimsir le Kirsteen NicDhòmhnaill

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] Feasgar math dhuibh. Uill tha coltas caran caochlaideach air an t-sìde an t-seachdain-sa. Bruthadh ìosal a’ suidhe gu siar air Breatainn, a’ feuchainn ri na h-aghaidhean sìde seo a phutadh a-staigh dhan ionnsaigh aig amannan. Ach aig a’ cheart àm bruthadh àrd a’ suidhe gu Sear air Breatainn a’ feuchainn ri bacadh a chur air an uisge a tha sin agus aig a’ cheart àm cuideachd bidh i nas blàithe nan àbhaist do chuid a sgìrean airson an àm-sa den bhliadhna.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A-nochd ma-tà bidh beagan uisge mìn agus sgapte nur cuideachd mun chosta an iar. A thuilleadh air sin ge-tà bidh i na turadh, caran sgòthach do mhòran sgìrean agus i mu ochd no naoi Celsius anns an fharsaingeachd. Far am bi greisean de dh’ iarmailt shoilleir ge-tà do chuid air a’ Ghàidhealtachd, trì no ceithir Celsius aig a’ char as ìsle agus a’ ghaoth bhon earra-dheas a’ socrachadh mar a thèid an oidhche air adhart mun chosta an iar.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] A-màireach, tha sinn a’ tòiseachadh le beagan uisge mìn agus sgapte mun chosta an iar, ach gu math sgiobalta, bheir an t-uisge a tha sin a chasan leis agus air cùl sin thig piseach gu mòr air an t-sìde anns na sgìrean sa. Feasgar ann am barrachd doimhneachd ma-tà, tha sinn a’ sùileachadh mun ear gum mair i caran sgòthach agus bidh smugraich uisge ann gu sònraichte air an talamh àrd, eadar 12 agus 14 Celsius le oiteagan làidir gaoithe. Mun iar ge-tà uill tha greisean grèine gu bhith ann am pailteas agus tha i gu bhith faireachdainn blàth anns a’ ghrèin, gu sònraichte tro oisean an iar-thuath. Dh’ fhaodadh gu ruig i 20 Celsius a-màireach. Tha sin a dhà uimhir cho blàth ris an àbhaist airson an àm-sa dhen bhliadhna. Gu ruige beul na h-oidhche, chan eil mòran de dh’ atharrachadh a’ tighinn air cùisean. Mairidh i caran sgòthach mun ear le smugraich uisge agus tro oidhche Mhàirt tha dùil ris an tuilleadh uisge a’ putadh a-staigh bhon iar-dheas.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] Diciadain ma-tà. Anns a’ chumantas bidh i a’ tòiseachadh caran sgòthach, fliuch do mhòran sgìrean ach bu chòir beag air bheag mar a thèid an latha air adhart gun tig piseach oirre bhon iar-dheas ‘s gum faicear beagan de shoilleireachd agus grèine, 14 neo 15 Celsius, fhathast nas blàithe nan àbhaist dhan mhòr-chuid de sgìrean airson an àm-sa dhen bhliadhna.

[Kirsteen NicDhòmhnaill – Neach-aithris na h-aimsir] Agus a’ toirt sùil air adhart gu Diardaoin falbhaidh bann eile de dh’ uisge air falbh tro na h-eileanan mu thuath. Thig turadh air cùl sin.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!