FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Gambia Partnership Com-pàirteachais a’ Ghambia

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Com-pàirteachais a’ Ghambia

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Tha buidheann charthannas ann an Steòrnabhagh a bhios a’ cuideachadh le foghlam anns a’ Ghambia air bùth eadar-amail fhosgladh anns a’ bhaile. Tha com-pàirteachais a’ Ghambia an-dràsta ag obair air sgoil ùr a thogail anns an dùthaich do chlann gun dòigh eile air foghlam fhaighinn. Tha a’ bhuidheann Chrìosdaidh a’ cur daoine null ann airson cuideachadh a h-uile bliadhna. Tha Aonghas Dòmhnallach a-nis ag aithris.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha a’ bhùth a’ coimhead airson càil sam bith a bheir a-steach airgead a chuidicheas leis an obair a tha an com-pàirteachas a’ dèanamh sa Ghaimbia. Tha an obair air a bhith a’ dol 10 bliadhna a-nise agus tha iad a’ coimhead gu bheil foghlam gu h-àraidh deatamach.

[Iain MacÌomhair] Tha iad air tòiseachadh air sgoil thall an sin agus a’ chiad phàirt den sgoil tha i an ìre mhath a-nis crìochnaichte ach tha pàirtean eile fhathast nach eil iad air tòiseachadh agus bidh feum againn air tuilleadh taic airgid airson tòiseachadh air a’ phàirt a tha gun a dhèanamh fhathast.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha an com-pàirteachas airson craobh-sgaoileadh an t-soisgeil fhad ‘s a tha iad a’ cuideachadh òigridh, gu h-àraidh airson foghlam fhaighinn. Agus ann an tòrr de dhùthchannan Afraga, an Gambia nam measg, feumar pàigheadh airson foghlam.

[Iain MacÌomhair] Tha timcheall air 30 duine aca uile gu lèir dhen chloinn sin nach b’ urrainn a bhith ann an sgoil bhon chan urrainn dha na pàrantan aca giùlain cosgais airson an cur dhan sgoil agus mar sin dheth, mura biodh cuideachadh aca ga fhaighinn bho a-muigh, cha b’ urrainn dhaibh foghlam a bhith aca.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha sgiobaidhean cuideachail eile a’ dol a-null a dh’ aithghearr agus tha obair fhèin gu bhith aig a h-uile ball dhen sgioba.

[Iain MacÌomhair] Bidh cuid de na tha dol a-mach, de na fir, bidh iad ag obair a’ peantadh agus a’ dèanamh nithean eile airson an sgoil ullachadh airson fosgladh. Tha grunn bhoireannaich a’ dol a-null agus tha planaichean ann airson cuideachadh le na boireannaich thall an sin, toirt dhaibh sgilean airson fuaigheal no iomadach eile ‘s dòcha nach eil iad ro ealanta an-dràsta.

[Aonghas Dòmhnallach – Neach-aithris] Thèid glè bheag de dh’airgead na dùthcha air slighe gu math ann a bhith a’ cuideachadh òganaich a’ Ghaimbia. Aonghas Dòmhnallach, BBC An ann an Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!