FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new air service between Inverness and Heathrow Seirbheis adhair ùr eadar Inbhir Nis agus Heathrow

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Seirbheis adhair ùr eadar Inbhir Nis agus Heathrow

[Angela NicIlleathain – Preseantair] Feasgar math. Tòisichidh seirbheis adhair às ùr eadar Inbhir Nis agus port-adhair Heathrow an-ath-bhliadhna. Tha strì mhòr air a bhith a’ dol fad iomadach bliadhna airson an t-seirbheis a chur air dòigh a-rithist. ‘S iad a’ chompanaidh British Airways a bhios ga ruith agus tòisichidh an t-seirbheis anns a’ Chèitean. Le tuilleadh, seo Iain Macaonghais.

[Iain Macaonghais - Neach-aithris] Chan ann an-diugh neo an-dè a thòisich iarrtas airson seirbheis adhair làitheil eadar Inbhir Nis agus port-adhair Heathrow. Ach madainn an-diugh, thàinig dearbhadh bhon chompanaidh British Airways gum bi sin ann a-nis bhon Chèitean anath-bhliadhna.

[Iain Macaonghais - Neach-aithris] Tha faisg air 20 bliadhna a-nis bhon a stad BA le na seirbhisean aca eadar seo air port-adhair Inbhir Nis agus Heathrow. Agus anns an eadar-ama, tha seirbheisean air BMI gu ruige Heathrow agus aig Flybe gu ruige London City air stad cuideachd. Mar sin, tha gu leòr a’ cur fàilte air naidheachd an latha an-diugh.

[An Comh Ailig Greumach] ‘S e deagh naidheachd a tha seo dha Inbhir Nis, dhan Ghàidhealtachd agus ann an dòigh dha Alba air fad agus gu h-àraidh dha daoine a tha fuireach an seo. Tha e toirt dhaibh cothrom siubhal, bheil fhios agad, a-mach às an dùthaich nas fhasa agus uabhasach math cuideachd dha gnìomhachasan luchd-turais. ‘S tha seo a-nis a’ fosgladh an dorais, tha e tòrr nas fhasa dha daoine bho dùthchannan cèine thighinn suas dhan cheann a tuath.

[Drew Hendry BP] It’s fantastic news for the whole of the Highlands. To have Europe’s fastest growing city connected with the UK’s busiest international hub, it’s something we’ve needed for a long time. And after 18 years to find out that British Airways are now reconnecting that route is great news. But the challenge now for British Airways, for the airports and for everyone else and for the UK government is to make sure that these routes are protected and maintained and sustained so that we can build on them over a period of time.

[Iain Macaonghais - Neach-aithris] Bidh an t-itealan a thèid a chleachdadh air an t-seirbheis comasach air 143 a ghiùlain, agus tha BA ag ràdh gum bi seo a’ fosgladh na Gàidhealtachd an chuid dha luchd-turais agus luchd-gnothachais. Chaidh togail cuideachd air na cothroman a bhios ann do dhaoine, air a’ Ghàidhealtachd, ceanglaichean a dhèanamh le seirbhisean BA aig tèirmineal a còig aig Heathrow gu ruige còrr is 130 ceann-ùidhe.

[Dàibhidh Byrne] Sin a’ bhuannachd as motha chanainn. Chan ann dìreach mu dheidhinn eadar Lunnainn agus Inbhir Nis a tha seo. ‘S ann mu dheidhinn na lìonra farsaing a th’ aig BA air adhart gu Vancouver ‘s Calgary, air feadh an t-saoghail agus le sin gu bheil e fosgladh. Agus cuideachd ‘s e goireas mu dheidhinn terminal 5 ‘s cho goireasach ‘s a tha e agus cha leig thu leas a bhith stad uair a thìde agus an uair sin dol air adhart gun a bhith dol timcheall ‘s a’ ruith mun cuairt mar sin air adhart, ‘s e gu bheil e uile anns an aon àite.

[Iain Macaonghais - Neach-aithris] Tha BA ag ràdh aig an ìre-sa gum bi a’ chosgais mu £89 airson slighe a Lunnainn agus air ais. Agus le na ceagalaichean ùra a tha ga bhrosnachadh tha a h-uile coltas gum bi fèill mhòr air na tiogaidean sin. Iain Macaonghais, BBC An aig port-adhair Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!