FaclairDictionary EnglishGàidhlig

National Secondary Schools Debate Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean

[Angela NicIlleathain – Preseantair] ‘S iad an sgioba bho Àrd-sgoil MhicNeacail agus na sgiobaidhean bho Àrd-sgoil Àird nam Murchan agus Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich a bhios a’ farpais an aghaidh a chèile san ath chuairt de Dheasbad Nàiseanta Àrd-sgoiltean na bliadhna-sa. Tha a’ cho-fharpais air a dhol bho neart gu neart bhon a chaidh a stèidheachadh bho chionn 17 bliadhna. Tha an aithris sa aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bha 20 sgioba bho 18 sgoiltean bho air feadh na h-Alba a’ cur air adhart an cuid argamaidean aig Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean am-bliadhna. Tha a’ cho-fharpais, a choisinn cliù airson an tachartais a b’ fheàrr aig na duaisean Gàidhlig an-uiridh, a’ taisbeanadh sgilean cànain agus ìmpidheachd na sgoilearan.

[Donnchadh Fearghastan] Tha e a’ toirt togail dhòmhsa. Bha mi an sàs ann an-uiridh ach tha mi a’ faicinn gu h-àraidh an-diugh sa mhadainn gu bheil a’ bhruidhinn a th’aca, na h-òraidean a th’aca aig àrd-ìre, air an deagh dheasachadh tha sin cinnteach le na tidsearan agus na h-oileanaich iad fhèin air deagh rannsachadh a dhèanamh agus air lìbhrigeadh òraidean a tha inntinneach, a tha pungail agus air amannan gu math èibhinn. Agus leis an sin ‘s e togail a th’ ann agus tha mise a’ faighinn tòrr toileachais, mar a tha na britheamhan eile às a bhith an sàs anns an fharpais seo.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Bha na deasbadan a’ dol fad latha aig Àrd-sgoil MhicNeacail agus an-diugh anns An Lanntair am meadhan Steòrnabhaigh. Bha atharrachadh am-bliadhna ann an cumadh na co-fharpais as dèidh dhan fheadhainn os a cionn èisteachd ri beachdan luchd-teagaisg.

[Evelyn Coull MacLeod] A’ bhliadhna seo thàinig iad thugainn ‘s bha iad ag ràdh gu robh iad a’ faireachdainn gum biodh e math chothrom deasbaid a thoirt dhan h-uile sgoil agus sin a rinn sinn. B’ àbhaist gum biodh sgiobaidhean a’ dol a-mach air a’ chiad latha agus gur e na ceithir sgiobaidhean aig deireadh an dàrna latha a bhiodh dol troimhe. Ach air a’ bhliadhna seo tha a h-uile sgioba a’ faighinn comharran agus a-raoir dh’inns sinn dhaibh na comharran a bh’ aca aig deireadh a’ chiad latha, dol a-steach dhan dàrna latha. Chuir sin ris an fharpais agus bha sin gu math inntinneach a-raoir agus aig deireadh feasgar an-diugh bidh fios againn na ceithir sgiobaidhean a thèid troimhe gu na cuairtean deireannach ann an Dùn Èideann.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Feumaidh an fheadhainn a shoirbhich a-nis dèanamh deiseil airson iar-chuairt dheireannach na co-fharpais ann an Dùn Èideann, leis a’ chuairt dheireannach ga chraoladh beò air Radio nan Gàidheal à Pàrlamaid na h-Alba air a 25mh dhen mhìos. Tha beachd ann gum faodadh an cothrom a gheibh iad ann am prìomh sheòmar-deasbaid na dùthcha am brosnachadh, leantainn orra na beachdan aca a chur an cèill le misneachd.

[Donnchadh Fearghastan] Oh tha iad a’ faighinn tòrr às an seo. Gu h-àraidh 40 oileanach bho air feadh na dùthcha a’ tighinn còmhla, sin mu 20 tidsear còmhla riutha. Ach a bhith bruidhinn mu choinneamh dhaoine, a’ smaoineachadh air bu chòir dhaibh a bhith ag ràdh, a bhith a’ cur ann an òraid, ‘s e deagh dheasachadh a tha sin. Bu chòir Nicola Sturgeon agus Kezia Dugdale a bhith ag èisteachd riutha, gheibheadh iad deagh leasanan bho feadhainn de na h-oileanaich a bha bruidhinn a-raoir.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, Steòrnabhagh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!