FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Harris distillery due to begin whisky production Uisge-beatha gu bhith ga chruthachadh aig taigh-staile Na Hearadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Uisge-beatha gu bhith ga chruthachadh aig taigh-staile Na Hearadh

[Innes Rothach – Preseantair] Tha na deuchainnean mu dheireadh gan dèanamh aig Taigh-staile Na Hearadh, ‘s dùil gun tòisich na stailean a’ sileadh uisge-beatha an ceann cola-deug. Tha gin Na Hearadh air a bhith ri fhaotainn airson còrr is mìos a-nis agus ‘s ann air èiginn a thathar a’ cumail suas ris an iarrtas. Bha an taigh-staile a’ tomhais gun reiceadh iad 12,000 botal sa chiad bliadhna ach, mar a tha Ruaraidh Rothach ag aithris, tha iad mar -thà air 8,000 botal a reic ann am mìos gu leth.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] ‘S e slighe fhada a th’ann gu ruige mac-na-bracha ùr a chruthachadh. Ach tha cùisean aig Taigh-staile na Hearadh a’ gluasad a dh’ impis an ceann-uidhe sin. An t-seachdain-sa chaidh na deuchainnean mu dheireadh a dhèanamh air na stailean. Tha Coinneach MacIlleathain os cionn sgioba a bhios a’ cruthachadh an uisge-beatha ùr ‘Hearach.’

[Coinneach MacIlleathain] Chaidh a h-uile càil gu math. Mar a tha gnothach sam bith tha rudan beaga ri dhèanamh. Tha an t-seachdain sa tighinn romhainn ach tha a h-uile càil gu math agus bha an stail ag obair an-dè agus fhuair sinn spiorad às agus tha sin a-nis deiseil agus tha sinn an dòchas gum bi sinn a’ cruthachadh uisge-beatha ceart ann an cola-deug eile.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Airson beagan teachd-a-steach fhaighinn anns na bliadhnaichean mus bi uisge-beatha deiseil, tha an taigh-staile air a bhith reic gin. Cha ghabhadh tomhais cho mòr ‘s a tha iarrtas air a bhith ann airson gin Na Hearadh.

[Coinneach MacIlleathain] Bha sinn an dòchas 12,000 botal gin a reic sa chiad bliadhna. Tha sinn a-nise, chì thu feasgar an-diugh, tha sinn air 8,000 a dhèanamh mar-thà agus air reic cha mhòr mar-thà. Agus mar sin, chan eil sin ach ann am mìos agus air èiginn tha sinn a’ cumail suas ris. Cho luath ‘s a sinn ullamh air na sreath bhotail feumaidh sinn tòiseachadh a-rithist.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha sreath de bhotail gin eile deiseil airson an lìonadh. Tha e an urra ri Dòmhnall MacLeòid agus càch gin gu leòr a dhèanamh airson cumail suas ri na òrdughan a tha a’ taomadh a-steach gach latha.

[Dòmhnall MacLeòid] Tha e air a dhol air feadh an t-saoghail a-nis agus tha daoine tilleadh a dh’ iarraidh tuilleadh so tha iad a’ feuchainn ri cumail suas ris. Tha sinn a’ feuchainn ri, o thòisich sinn tha sinn air a bhith feuchainn ri stoc a chur air ar cùlaibh so nuair a thòisich an t-uisge-beatha gum faigheamaid dìreach air aire a thoirt dhan a sin ach tha e doirbh dhuinn sin a dhèanamh oir tha e falbh bho na sgeilpichean cho luath. Chan eil dol againn air stoc a chur chun dàrna taobh ann leis cho keen ‘s a tha daoine air.

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Tha feamainn siùcair anns an gin a tha toirt blas caran saillte air. Ach tha na daoine a tha dèanamh an gin a’ moladh mar an dòigh as fhèarr a ghabhail?

[Dòmhnall MacLeòid] Tha a h-uile duine eadar-dhealaichte agus cha b’ urrainn dhòmhsa ràdh ri duine gabh mar siud e no gabh mar seo e fuar no teth chan eil ann ach dìreach mar a tha e. Tha cuid ‘s e lemon a tha iad a’ gabhail ‘s feadhainn eile lime. Tha feadhainn eile agus tha iad ga ghabhail leis fhèin, chan eil iad a’ cur càil ann. Tha a h-uile duine eadar-dhealaichte ‘s chan eil ann ach dìreach a rèir mar a bhios e a’ còrdadh riut fhèin ach tha e glè mhath balgam dheth moch agus anmoch tha iad ag radh!

[Ruaraidh Rothach – Neach-aithris] Ruaraidh Rothach, BBC An Là, aig Taigh-staile Na Hearadh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!