FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Great Tapestry of Scotland on tour Grèis-bhrat Mòr na h-Alba air chuairt

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Grèis-bhrat Mòr na h-Alba air chuairt

[Innes Rothach – Preseantair] Airson a’ chiad uair bidh cuibhreann de Ghrèis-bhrat Mhòr na h-Alba ri fhaicinn sna h-Eileanan Siar. Thèid an croch-bhrat a thaisbeanadh ann an Taigh Tasgaidh nan Eilean ann an Uibhist. Fhuair an tè-naidheachd againn, Shona NicDhòmhnaill, ro-shealladh air na bhios ri fhaicinn nuair a dh'fhosgaileas an taisbeanadh ann an Sgoil Lìonacleit Disathairne.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha 30 pìos do Ghrèis-bhrat mhòr na h-Alba air tighinn a Bheinn na Faoghla airson taisbeanadh a mhaireas beagan a bharrachd air còig seachdainean. Seo mar a chaidh an taghadh a-mach às 149 panail a th’ann air fad.

[Lisa NicUilleim] Bha e uabhasach doirbh agus bha tòrr dhiubh a bha sinn ag iarraidh ach cha robh rùm ann an crochadh so dh’ fheumadh sinn a bhith gu math strict oirnn fhìn. Agus mar sin thagh sinn feadhainn aig an robh buntanas ris na h-eileanan agus cuideachd bha sinn ag iarraidh feadhainn a chòrdadh ris a h-uile duine.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chaidh phìos fhuaigheil anns na h-Eileanan an Iar. Shiubhal aon dhiubh sin, a’ cuimhneachadh dol fodha na h-Iolaire, grunn thursan air an aiseig eadar an t-Òb agus Beàrnaraigh agus dithis às na Hearadh agus aon à Uibhist ag obair air.

[Moira Nic a’ Phearsain] We got heavily into winter and there was a chance of not getting back the same the same day. So we asked the people on the Leverburgh ferry if they would take it over for us. And I took it up to Berneray and put it on the ferry and Jill collected it at the other end and that’s how it worked from then on.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha farsaingeachd mhòr de chuspairean air an riochdachadh anns na dealbhan.

[Lisa NicUilleim] Tha feadhainn againn air Calanais, An Iolaire, Am Prionnsa Teàrlach agus cuideachd airson nan gillean thagh sinn feadhainn ball-coise, rugbaidh. Airson clann tha feadhainn againn le rannan orra , airson boireannaich tha feadhainn ann le flùraichean agus dealbhan snoga.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Ma mhaireas an croch-bhrat seo na linntean mòra mar a tha cuid eile air maireachdainn, dh’fhaodadh ainmean an luchd-fuaigheil maireachdainn còmhla ris.

[Moira Nic a’ Phearsain] I was really enjoying it and it was quite an exciting project to be involved in. But it was slightly daunting too but once it was finished there was quite a feeling of achievement at the end of it.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Ma tha sibh airson cuibhreann de Ghrèis-bhrat Mhòr na h-Alba fhaicinn anns na h-Eileanan an Iar, seo an aon àite far am faic sibh e aig Taigh-tasgaidh nan Eilean, ann an Sgoil Lìonacleit bho dheireadh na seachdain seo chun an 22mh dhen Dùbhlachd. Shona NicDhomhnaill, BBC An ann am Beinn na Faoghla.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!