FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The new Lews Castle Museum Taigh-tasgaidh ùr Chaisteil Leòdhais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Taigh-tasgaidh ùr Chaisteil Leòdhais

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Chun an dàrna togalach againn dhan oidhche nochd, chan eil am fear sa air fosgladh fhathast ge-tà ach tha fhios againn a-nis gur ann as t-Earrach an ath-bhliadhna a dh'fhosglas e , sin taigh-tasgaidh ùr Chaisteil Leòdhais. A thuilleadh air cuid de dh' Fhir-tàileisg an Eilein, bidh nithean eile ann bho thaighean-tasgaidh eile. Chaidh ainmeachadh cuideachd gur i Seònaid NicDhòmhnaill an tasglannaiche a bhios anns an taigh-tasgaidh. Fhuair Ruaraidh Rothach sùil air na chaidh a dhèanamh bho chionn ghoirid.

[Ruaraidh Rothach – Neach -aithris] Tha an obair ullachaidh mu dheireadh a’ dol aig Museum nan Eilean. Tha dùil gum bi fir-tàileisg Leòdhais ann an seo as t-Earrach ach mus tig iad feumar a bhith cinnteach gu bheil an àrainneachd ceart airson an cumail. Tha seo a’ toirt ùine ach thathar riatanach nuair a thathar a’ làimhseachadh nithean prìseil, luachmhor.

[Joe Mac a’ Phì] Tha sin a’ meas as t-Earrach, aon uair ‘s gu faigh sinn na Fir-tàileisg, Fir-tàileisg Leòdhais air an cur nan àite. Agus bidh dhà no trì de rudan uabhasach inntinneach eile againn o thaigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba, bidh iad sin againn cuideachd ‘s chan fhaod mi innse, fhios agad’ na rudan a th’ ann, bidh iad rim faicinn. Agus tha sinn an dòchas gum bi iad sin againn toiseach na bliadhna agus an uair sin gum faigh sinn air a h-uile sgath a bhith deiseil as t-Earrach. Mar sin ‘s e sin an amas a tha againn an-dràsta. Beagan nas fhaide na bha dùil ach tha e cho cudromach dhuinn gu bheil a h-uile sgath na àite ‘s gu bheil a h-uile sgath ag obair mar a tha còir aige.

[Ruaraidh Rothach – Neach -aithris] Chan e a-mhàin gu bheil nithean inntinneach gu bhith ri fhaicinn san taigh-tasgaidh agus an tasglann ùr. Bidh guth muinntir an àite agus dualchas an àite mar phàirt chudromach cuideachd.

[Joe Mac a’ Phì] Tha sinn an-dràsta aig oisean a’ ghailearaidh far a bheil na sgrions ‘s tha iad a’ dol a dh’ fhaighinn 3D films is rudan agus an fheadhainn a chunnaic sinn chun an seo tha e mìorbhaileach. Agus an uair sin tha thu a’ dol a-staigh a ghailearaidh eile agus gheibh thu seòrsa do dh’fhèin fhiosrachadh agus cluinnidh tu guthan dhaoine, muinntir nan eilean agus blas dhen eilean agus blas dhen chànan agus blas dhen chultar, blas dhen dualchas ‘s tha sinn an dòchas ma thig duine staigh gun tig iad a-mach ‘s gun tig iad air ais a-staigh uaireigin eile ‘s gun aithnich iad ‘s gu fiosraich iad, fhios agad, rudeigin ùr agus rudeigin a tha air leth cudromach dha na h-eileanan air fad. Chan ann dìreach do Steòrnabhagh ach do na h-eileanan air fad.

[Ruaraidh Rothach – Neach -aithris] Ruaraidh Rothach, BBC An Là, Caisteal Leòdhais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!