FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new book about the land struggle in Glendale Leabhar ùr mu strì fearainn an Gleann Dail

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Leabhar ùr mu strì fearainn an Gleann Dail

[Innes Rothach – Preseantair] Bu chòir barrachd eòlais a bhith aig daoine mu strì an fhearainn ann an Gleann Dail san Eilean Sgitheanach. Sin a rèir an ùghdair Roger Hutchinson a th’air leabhar ùr a sgrìobhadh mun iomairt a dh’ fhàg croitearan anns a’ phrìosan agus a chuir an oighreachd fo smachd na coimhearsnachd aig a’ cheann thall. Chaidh an leabhar, ‘Martairich Ghlinn Dail agus ar-a-mach san Eilean Sgitheanach fhoillseachadh ann an Eaglais Shaoir na sgìre, togalach a bha aig teis-meadhan na sgeòil. Tha tuilleadh aig Calum MacIlleathain.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Anns an 19mh Linn bha Gleann Dail a’ cur thairis is àireamh mhòr de daoine air tighinn ann ri linn nam Fuadaichean. Bha strì mhòr ann eadar croitearan agus na h-uachdarain a thaobh leis a bha am fearann.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Aig deireadh na linn, thàinig cùisean gu ceann. Chruinnich na ceudan chroitearan, fireannaich, boireannaich agus an clann, an seo aig Abhainn Hamara, far an do chuir iad stad air na poilis tighinn tarsainn na h-aibhne. Thug iad ionnsaigh air na poilis. Ri linn na thachair, chaidh ceathrar a dhìteadh agus a chur dhan phrìosan.

[Roger Hutchinson] They were effectively dictating to Inverness Castle and from there onwards to Edinburgh and to the Government in Westminster. Exactly who had authority over this part of the Highlands? And the people with authority over this part of the Highlands were the crofters who lived here.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Chaidh an leabhar a chur air bhog ann an Eaglais Shaor Ghleann Dail. B’ e seo an dearbh thogalach anns an do chùm na croitearan coinneamhan agus far an do ghabh coimisean Napier fianais. Lean sin gu Achd nan Croitearan. Air a’ cheann thall fhuair a’ choimhearsnachd cothrom sealladh a ghabhail air an oighreachd, a’ chiad turas a thachair a leithid. Reic mòran an croitean agus sgap iad air feadh an t-saoghail.

[Ailean Caimbeul] Tha mi a’ smaoineachadh mar a bha na bliadhnaichean a’ dol seachad agus mòran dhe na daoine sin a’ sgaoileadh air feadh an t-saoghail gur dòcha gun do lagaich an aithne a bha sin. Tha mi smaoineachadh nach robh tuigse aig mòran air an àite a bh’ aig Gleann Dail ann an strì an fhearainn. Bha daoine na b’ eòlaiche air a’ Bhràighe ‘s air àitichean eile agus mar a tha Roger Hutchinson ag argamaid anns an leabhar a bha seo, faodaidh e bhith gu robh Gleann Dail uabhasach fhèin bunaiteach anns na thachair a thaobh Napier agus na lean sin.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha dòchas ann a-nise gun tèid eachdraidh Ghleann Dail, a thaobh strì an fhearainn, a thoirt am follais do bharrachd dhaoine. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Gleann Dail.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!