FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Highland Folk Museum given official recognition Aithne oifigeil ga thoirt do Thaigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Aithne oifigeil ga thoirt do Thaigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd

[Innes Rothach – Preseantair] Fhuair cruinneachadh Thaigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd aithne oifigeil an-diugh, mar chruinneachadh nàiseanta sònraichte. Tha 80 bliadhna ann bhon a chaidh a stèidheachadh le Iseabail Ghrannd ‘s an-diugh tha na mìltean de sheann rudan eadar spàinnean agus tairsgeirean rim faicinn anns an taigh-tasgaidh ann am Baile Ùr an t-Slèibh. Tha tuilleadh aig Coinneach Mac a’ Ghobhainn.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Cha bheag na h-atharrachaidhean a tha a’ Ghàidhealtachd air faicinn. Ach tha oidhirpean ann na seann dhòighean-beatha a chlàradh, nam measg Taigh-tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Tha 80 bliadhna ann bhon a dh’ fhosgail an taigh-tasgaidh seo, a’ soilleireachadh beatha dhaoine cumanta gu làitheil anns na linntean a dh’ fhalbh air a’ Ghàidhealtachd. Ach a-nis tha am pàirt as ùire den taigh-tasgaidh, am fasgaidh thall air mo chùlaibh, air aithneachadh sònraichte nàiseanta fhaighinn airson a’ chruinneachadh aca a tha a’ soilleireachadh mar a bha daoine beò sna linntean a dh’ fhalbh air a’ Ghàidhealtachd.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] ‘S tha an inbhe cruinneachaidh sònraichte bho Thaighean-tasgaidh is Gailearaidhean Alba na dhearbhadh air an luach.

[Joanne Orr] Here you have an incredible collection that I think is of international significance that people can learn from but also but also I hope that you’ll continue to add to it over the years as working life changes and some of the practices in the Highlands change. And I think having it here in the open air museum and having that setting for the context for the collection is especially important and very special and is a whole experience for the visitor to come to.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Bha deagh chuirm an-diugh a’ comharrachadh an naidheachd. Bha blasad gu math ceòlmhor dhen sheann dhòigh-beatha air a’ Ghàidhealtachd ri fhaighinn. Agus 80 bliadhna bhon a dh’ fhosgail e , tha an taigh-tasgaidh fhèin air atharrachadh gu mòr.

[Sheila NicAoidh] ‘S i Iseabail Grannd mar a tha fhios agaibh a thòisich an taigh-tasgaidh an toiseach ann an Eilean Ì. Às an sin chaidh e a Lagan ann am Bàideanach agus às an sin chaidh e a Cheann a’ Ghiuthsaich agus tha e a-nis ann an seo, Am Fasgadh. Agus tha a h-uile càil riamh, rudan a bha daoine a’ cleachdadh a thaobh obair, a thaobh aodach, a thaobh tuathanas agus a bha iad a’ caitheamh air falbh a chionn bha iad a’ smaoineachadh nach robh feum sam bith ann gu bràth tuilleadh. Tha sin air a chruinneachadh agus tha e ri fhaicinn ann an seo.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Chan eil fhios tha air fàire dhan Ghàidhealtachd sam àm ri teachd. Ach, bidh an taigh-tasgaidh sa co-dhiù nas seasmhaiche leis an inbhe ùr. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là, Baile Ùr an t-Slèibh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!