FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New festival for the New Year Fèis ùr na Bliadhn' Ùir'

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2015.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2015.)

Video is playing in pop-over.

Fèis ùr na Bliadhn' Ùir'

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Nise an ath-sheachdain airson a' chiad uair, thèid fèis de cheòl, dannsa agus òrain a chumail mu thimcheall air a’ Bhliadhn' Ùir ann an Uibhist a Deas. 'S e seo a' phròiseact as ùire aig Ceòlas, a tha air a bhith a' leudachadh na h-obrach aca mean air mhean bho thòisich iad anns na 90an. Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Thòisich Ceòlas bho chionn 20 bliadhna. Tha an sgoil shamhraidh airson ceòl, dannsa agus òrain air daoine a thàladh a dh’ Uibhist anns an Iuchar gach bliadhna. Beag air bheag, tha a’ bhuidheann air an obair a leudachadh le clasaichean, cuirmean agus cur-seachadan cultarail eile tron bhliadhna. An ath-sheachdain, bidh fèis ùr ann.

[Liam Alastair Crouse] Tha e a’ leantainn air gur e cruth fèis samhraidh a th’ againne, uill sgoil shamhraidh a th’ againne agus le sin tha clasaichean gu bhith ann agus an uair sin tachartasan air an fheasgar agus an uair sin cèilidhean sònraichte air an oidhche agus leithid sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] ‘S ann aig Sgoil agus Talla Coimhearsnachd Dhalabroig a tha na clasaichean agus na cuirmean mòra a’ dol air adhart aig an sgoil shamhraidh. Ach an ath-sheachdain ‘s ann ann an seo, aig Loidse Ghròigearraidh a bhios sin a’ tachairt. Aìte-cruinneachaidh gu math nas lugha.

[Liam Alastair Crouse] ‘S e dìreach toiseach-tòiseachaidh a tha seo. Mar eisimpleir na cèilidhean air an oidhche, feadhainn dhiubh sin chan eil ach 30 tiogaid ann dha tachartasan leithid sin. Mar sin chan eil na cèilidhean gu bhith cho mòr ri cèilidhean aig an sgoil shamhraidh ach thathar an dùil ri co-dhiù deagh hòro-gheallaidh a chur air dòigh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Chan eil an fhèis ùr seo airson a bhith a’ farpais le gach cuirm eile a tha a’ dol aig an àm seo dhen bhliadhna.

[Liam Alastair Crouse] Air oidhche Chiadain tha cèilidh gu bhith a’ tachairt ann an Talla Staoinibrig agus cha do chuir sinn cèilidh sam bith air dòigh air an oidhche sin agus tha sinn uile gu bhith a’ dol ann, chun an talla sin. Tha sinn dol a chur seiseanan ciùil air dòigh anns na taighean-òsta agus tha sin dol a ghabhail a-steach Loch Baghasdail ‘s Polachar agus Borghadal.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha Fèis Chullaig a’ tòiseachadh Diluain sa tighinn agus a’ crìochnachadh na Bliadhn’ Ùire. Bidh gu leòr a’ dol airson clann agus inbhich gach latha agus oidhche. Shona NicDhòmhnaill, BBC An ann an Uibhist a Deas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!