FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new collection of Gaelic poetry Cruinneachadh ùr de dhàin Ghàidhlig

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Cruinneachadh ùr de dhàin Ghàidhlig

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Bho cheòl gu sgrìobhadh a-nis agus às an Eilean Sgitheanach ag obair air a’ chiad chruinneachadh de na dàin Ghàidhlig aice fhèin, ‘s i còrr is 80 bliadhna dh’ aois. Buinidh Anne Danskin do Bhatarnais bho thùs ach tha i an-diugh a’ fuireach ann an Caol Acainn. Tha a bàrdachd air nochdadh ann an irisean leithid Gairm agus Northwords Now chun an seo agus chaidh Calum MacIlleathain a choinneachadh rithe.

[Anne Danskin] ‘A thaobh sìde, ‘s e latha math a bh’ ann. An dàrna latha den rannsachadh mun drochaid.’

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Anne Danskin a’ leughadh bho a bàrdachd ‘Imeachd.’ Tha a dachaigh ann an Caol Acainn, dìreach beagan cheudan shlatan bhon drochaid a dh’adhbhraich a h-uimhir chonnspaid nuair a chaidh a togail bho chionn còrr is 20 bliadhna.

[Anne Danskin] ‘A’ Chuiltheann, far robh iad chur roimhe, eadar gairm an adhair is ceò ìosal. Mar gum biodh a’ gluasad le miann a bhith siubhal fada seachad air ath-ghairm.’ Aig an àm bha sinn diombach nach biodh an t-eilean na eilean nas motha. ‘S e sin a bha mi smaoineachadh air nuair a bha mi coimhead air A’ Chuiltheann an latha a bha siud. Bha e coimhead mar gum biodh e a’ dol air falbh uile gu lèir às an eilean.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Rugadh Anne ann an Bhatarnais ach ghluais an teaghlach a dh’ Uibhist a Tuath nuair a bha i òg. Bha a h-athair na mhiseanaraidh anns an Eaglais Shaor-Chlèireach agus dh’ fhuirich an teaghlach ann an Leòdhas agus na Hearadh cuideachd.

[Anne Danskin] Phòs mi ann agus chaidh sinn an uair sin gu Canada ‘s bha sinn ann an sin seachd bliadhna. ‘S nuair a thill sinn chaidh sinn an uair sin sìos faisg air Lunnainn agus bha sinn ann an sin faisg air 20 bliadhna. ‘S bha mi a’ teagaisg Beurla ‘s a’ teagaisg Bun-sgoil ‘s a’ teagaisg Àrd-sgoil.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Cha do thòisich i air sgrìobhadh gus an do thill i dhan Eilean Sgitheanach. Tha a dàin air nochdadh anns an iris Gairm, An Guth agus Northwords Now. A-nise, aig còrr is ochdad bliadhna a dh’aois, tha i ag obair a dh’ ionnsaigh a’ chiad chruinneachaidh aice fhèin.

[Anne Danskin] Thuirt Rosemary Ward à Comhairle Nan Leabhraichean gum bu chòir dhomh sin a dhèanamh agus airson bliadhna no dhà cha do rinn mi sìon mu dheidhinn. Ach chuir mi cruinneachadh beag ga h-ionnsaigh a-nise agus chì sinn thachras. Uill ‘s e ‘Atharrachadh’ an t-ainm a th’ air a’ chruinneachadh, ma thig e gu bith agus rudan sònraichte thachair nuair a bha mi a’ fàs suas agus tha dàin eile ann mu dheidhinn tighinn air ais às Na Hearadh ann am bàta beag leis an àirneis againn uile gu lèir anns a’ bhàta agus cearcan ann. ‘S chunnaic sinn muc-mhara a thàinig gu math faisg oirnn. Cha b’ urrainn dhomh sin a dhìochuimhneachadh.

[Calum MacIlleathain – Neach-aithris] Tha dòchas aig Anne gun tèid aice air cruinneachadh fhoillseachadh ann an ùine nach bi fada. Calum MacIlleathain, BBC An Là, Caol Acainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!