FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Funding needed for BBC ALBA Taic ga h-iarraidh dha BBC ALBA

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Taic ga h-iarraidh dha BBC ALBA

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Feasgar math dhuibh. Chaidh iarraidh air Riaghaltas na h-Alba £1m a chaill MG Alba ann an Òraid Foghair an t-Seansalair a thilleadh - agus tuilleadh a thoirt dhaibh a bharrachd air an sin. Thàinig am moladh bhon Ollamh Raibeart Beveridge, agus Comataidh Cultair Pàrlamaid na h-Alba a' gabhail fianais air a bhith ag ùrachadh Cairt Rìoghail a' BhBC. Seo am fear-naidheachd phoilitigich againn, Mìchael MacNèill.

[Mìchael MacNèill – Neach-aithris] Tha am BBC ag ràdh gu bheil e mar amas aca fiosrachadh, foghlam agus dibhearsain a chumail ri daoine tro gach a tha iad a’ dèanamh. Gus seo a choileanadh feumaidh iad airgead agus tha an dòigh anns a bheil sin ga thoirt dhan BhBC ga dhèanamh tro chùmhnant ris an canar Cairt Rìoghail a' BhBC. Tha a’ Chairt Rìoghail mu dheireadh an impis tighinn gu crìoch aig deireadh na bliadhna seo agus tha Comataidh Foghlaim agus Cultair Pàrlamaid na h-Alba air a’ chothrom seo a ghabhail gus obair sgrùdaidh a dhèanamh air a’ Chairt Rìoghail ùr a bhios aig a’ BhBC. An-diugh bha iad a’ gabhail fianais bho riochdairean acadaimigeach air inbhe, structairean agus co-obrachadh eadar am BBC agus buidhnean eile a tha ag obair ann an craoladh. Chaidh innse don chomataidh le aon neach a bha toirt fianais dhaibh gu bheil an dòigh sa tha am BBC agus MG ALBA ag obair còmhla an-dràsta ri mholadh agus gu faodadh e bhith na eisimpleir air co-obrachadh a bharrachd san àm ri teachd gus fàs a thoirt air obair craolaidh.

[An t-Oll Raibeairt Beveridge] There are excellent examples of co-productions at the moment. It’s called BBC working with MG ALBA. And BBC ALBA produces very good programmes that also work internationally so let’s put more investment into MG ALBA. The chancellor recently in a decision which I regarded frankly as cheap and shoddy took the £1m away from BBC ALBA so I would suggest that this parliament and this and this government restore the £1m to BBC ALBA please.

[Mìcheal MacNèill] Bha riochdairean nan aonaidhean craolaidh agus bho MG ALBA cuideachd a’ toirt fianais dhan chomataidh mu Chairt Rìoghail a’ BhBC. Dh’ inns iad dhaibh gu bheil cus aire nam beachd-san air gearraidhean nan roinn craolaidh na h-Alba seach air ciamar as urrainnear cothroman fhaighinn leasachadh sa roinn. Leasachadh a tha iad am beachd a dh’ fhaodadh tachairt ri linn Cairt Rìoghail ùr a’ BhBC ma bhios ro-innleachd ùr do chraoladh Alba ga dhealbh an lùib gach deasbaid a bhios ann mu dheidhinn.

[Dòmhnall Caimbeul] Uill tha sinn a’ faicinn tron obair a tha sinn fhìn a’ dèanamh aig BBC ALBA gur e co-obrachadh eadar an craoladair agus na daoine, na companaidhean a tha a’ dèanamh nam prògraman, gur e an rud as fhèarr agus gu feum slighe a bhith agad romhad, fhios agad, plana no ro-innleachd. Agus ‘s e aon rud a tha air a bhith a dhìth ann an Alba nam bheachd-sa ro-innleachd airson craoladh agus airson telebhisean a tha fad ùine agus maireannach. Agus tha cruaidh fheum air an sin agus nan cuireamaid sin air dòigh eadar na craoladairean agus na riochdairean le taic bhon riaghaltas ‘s e sin a rud a b’ fhèarr dhan ghnìomhachas agus dhan roinn obrach air fad.

[Mìcheal MacNèill] Chuala a’ chomataidh bho aon den fheadhainn a bha a’ toirt fianais dhaibh, gu bheil còrr agus 5m neach a’ fuireach ann an Alba. Agus mar sin dheth, gu bheil còrr agus 5m beachd air an t-slighe a bu chòir dhan BhBC a ghabhail a’ dol air adhart. Leanaidh an deasbad mu Chairt Rìoghail ùr a’ BhBC air an ath-sheachdain agus dùil gum bi Stiùiriche Choitcheann na buidhne a’ toirt fianais dhan chomataidh an seo ann am Pàrlamaid na h-Alba. Mìcheal MacNèill, BBC An Là, Dùn Èideann.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!