FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Campbells and the 45 Na Caimbeulaich agus an 45

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Na Caimbeulaich agus an 45

[Innes Rothach – Preseantair] Fad seachd bliadhna tha an t-Ollamh Raghnall MacIlleDhuibh air a bhith a’ rannsachadh a’ phàirt a bh’ aig na Caimbeulaich ann an ar-a-mach nan Seumasach. ‘S e ‘The Campbells of the Arc’ an t-ainm a bhios air an leabhar aige, a’ tighinn à dàin a rinn Alasdair MacMhaighstir Alasdair air a bheil ‘An Àirce.’ Mar a chuala Andreas Wolff, ‘s e dealbh measgaichte a gheibhear mu pàirt nan Caimbeulach anns an ar-a-mach.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha beachd ann gu robh na Caimbeulaich fad an aghaidh nan Seumasach nuair a bha an t-ar-a-mach ann sa bhliadhna 1745. Tha am bàrd Alasdair MacMhaighstir Alasdair aithnichte airson an seasamh aige air taobh nan Seumasach. Ach anns an dàn ‘An Àirce’ tha sinn a’ faotainn dealbh measgaichte aig a’ phàirt a bh’ aig na Caimbeulaich aig an àm.

[An t-Oll Raghnall MacIlleDhuibh] Tha e a’ cumail a-mach gu bheil tuil dol a thighinn tarsainn air Earra-Ghàidheal airson an cron a rinn na Caimbeulaich a’ gabhail pàirt an Righ Deòrsa ann am Bliadhna Theàrlaich. Agus tha e mar sin ag ràdh gum bi cuid de na Caimbeulaich air am bàthadh agus cuid air am bogadh ach an uair sin air an teasairginn agus do chuid dhiubh tha e toirt làn cabain le pailteas ri ithe agus ri òl anns an àirce. ‘S mar sin thòisich mi smaointinn uill, cha robh e cho buileach an aghaidh nan Caimbeulach ‘s a tha daoine a’ cumail a-mach.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] ‘S coltach ru robh gu leòr gun robh daoine ann aig nach robh roghainn ris a chuireadh iad taic san ar-a-mach. Nam measg bha sinnsirean a Bhrigadier Iain MacPhàrlain ann an Taigh an Uillt.

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Dh’ fheumadh e dol leotha bhon bha e ag obair air fearann an seo a bhuineadh do na Caimbeulaich. Agus bha na Caimbeulaich, bha smachd aca air sgìre Mhucàrna anns an 17mh linn. Agus bha iad ann gu 1920 an seo, na h-oighreachdan aca.

[An t-Oll Raghnall MacIlleDhuibh] Bha feadhainn dhe na Caimbeulaich a thàinig a-mach air taobh a’ Phrionnsa Theàrlaich agus bha feadhainn eile a bha dubh an aghaidh a’ Phrionnsa Thearlaich agus a bha sabaid na aghaidh airson Riaghaltas Rìgh Deòrsa. Bha an t-uabhas anns a’ mheadhan agus ‘s dòcha gu robh iad a’ cuideachadh nan Seumasach.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Tha An t-Ollamh MacIlleDhuibh a’ sgrìobhadh leabhar mun àite a bh’ aig na Caimbeulaich san ar-a-mach.

[Brigadier Iain MacPhàrlain] Chan eil mi smaoineachadh gu robh riamh dealbh air a dhèanamh do Chaimbeulaich an Earra-Ghàidheil, na beachdan a bh’aca, leis iad, às a bha iad, na beachdan a bh’ aca mu dheidhinn dìleasachd, mu dheidhinn nan Seòrasach, mu dheidhinn nan Seumasach agus an seòrsa beatha a bh’ aca. Tha fuil nan Caimbeulach nam fhuil-sa agus bidh e cudromach dhòmhsa dìreach mar a bha an sinnsearachd agamsa.

[Andreas Wolff – Neach-aithris] Bidh an leabhar ùr a tighinn a-mach ann an ùine nach bi fada. Andreas Wolff, BBC An Là, Earra-Ghàidheil.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!