FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Special milestone for Fergie Clach-mhìle shònraichte dha Fergie

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Clach-mhìle shònraichte dha Fergie

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Am-bliadhna tha Fergie Dòmhnallach a' comharrachadh 60 bliadhna bho thòisich e air còmhlan-ciùil dha fhèin. Thairis air na bliadhnachan tha e air mullach a' chlàir Albannaich a ruighinn le Loch Maree Islands agus air mullach clàr iTunes a ruighinn cha mhòr leth cheud bliadhna às dèidh sin leis an òran "The Shinty Referee." Agus a rèir choltais chan eil e a’ stad fhathast, mar a tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Fad air falbh bho a dhachaigh ann am Mùideart, tha Fergie Dòmhnallach ainmeil air feadh an t-saoghail son ceòl cèilidh. Tha e air a bhith a’ cluich airson còrr is 60 bliadhna ach ciamar a ghabh e ùidh ann?

[Fergie Dòmhnallach] Uill cha robh mi ach 7, 8 ,9 ,10 no rudeigin agus bha dannsaichean anns an talla shuas an rathad, ann an Talla Mhingearraidh agus bha luchd-ciùil an siud, Fearchar MacRath agus the Roshven Cèilidh Band agus ‘s iad a bha math. Agus bhithinn-sa nam shuidhe fad na h-oidhche fon stèids ag èisteachd riutha. Ach bha daoine ag ràdh rium an dèidh sin, feumaidh gu robh rud anam, fhios agad. Ach cha robh fhios agamsa air sin aig an àm.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] B’e rathad fada bhon a’ chiad chuirm aige ann an Loch Àlainn, far an deach an t-àite na theine. Tro na bliadhnaichean a’ feuchainn ri ceòl cèilidh a chluich tro na meadhanan, chun an-diugh far a bheil barrachd chòmhlain a-nis a’ cluich ceòl cèilidh.

[Fergie Dòmhnallach] Take eile a th’aca air a’ ghnothach uile gu lèir agus tha e a’ còrdadh uabhasach riumsa oh tha na boys sin tha iad math. Ach, mairidh sin airson tacan, chan eil fhios agam cho fada agus thig rudeigin eile agus bidh iadsan second air sin, thig ceòl eile a-mach. Chan eil fhios agam bhios ann ach tha an gnothach ag atharrachadh fad na h-ùine agus tha mi smaointinn gur e sin an dòigh as còir dha bhith.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach chan eil Fergie airson stad. Tha e a’ sgrìobhadh leabhar airson nam pìobairean a tha airson na puirt aige a chluich. Agus anns na seachadan, tha e a’ gabhail pàirt ann am film.

[Fergie Dòmhnallach] Bha mi an-sàs ann an, tha thu dol a’ ghàireachdainn air seo, Fergie ann am blockbuster film! Cha chuala mi rud cho iongantach riamh. Ach sin mar a tha e. Agus tha mi cluich a’ bhogsa ann an remake a tha aca air whisky galore.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Is iongantach mura bi iomadh port fhathast ri thighinn bho Fergie. Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Mingearraidh.

Tha sinn duilich gu bheil rudeigin ceàrr le na dealbhan a chì thu. Tha seo ri linn trioblaidean teicnigeach nuair a chaidh am prògram a-mach beò.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!