FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A welcome to Ceitidh Fàilte air Ceitidh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fàilte air Ceitidh

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Preseantair] Nise chaidh goireas ùr airson sgoilearan a chuideachadh le an cuid Gàidhlig a chur air bhog gu h-oifigeil an-diugh. Thèid aig clann-sgoile "Ceitidh" a chleachdadh airson Gàidhlig ionnsachadh no an cuideachadh ann an deuchainnean. Tha faireachdainn ann gun urrainn dhi a bhith cuideachail ann an dòighean eile cuideachd. Tha tuilleadh aig Calum Dòmhnallach.

[Calum Dòmhnallach – Neach-aithris] Thèid aig clann-sgoile èisteachd ris a’ Ghàidhlig tro Cheitidh. Bheir sin cuideachadh dhaibh ann a bhith a’ bruidhinn a’ chànain agus tha faireachdainn ann gu bheil an goireas a’ còrdadh riutha.

[Alasdair Allan BPA] Tha iad ga sgrùdadh an-dràsta gu math mionaideach airson am blas a th’ann agus na faclan a th’ ann agus tha e follaiseach gu bheil stòras mòr de fhaclan aig a’ ghoireas agus cuideachd gu bheil coimeas aig a’ ghoireas seo a bhith tuigsinn agus cur ri chèile faclan ùr air nach eil an coimpiutair eòlach. Tha e gu math inntinneach.

[Calum Dòmhnallach – Neach-aithris] Faodaidh an goireas a chleachdadh ann an deuchainnean agus a bharrachd air Gàidhlig a chluinntinn innsidh e dhan chloinn nuair a tha rudeigin ceàrr air na sgrìobh iad agus tha an t-adhartas a’ còrdadh riutha gu mòr.

[Coinneach Combe] Tha e a’ còrdadh ri na sgoilearan agus gu sònraichte chan ann a-mhàin seach gu bheil am bathar bog, an goireas fhèin math, tha e cuideachd feumail dhaibh a bhith an-sàs ann am pròiseas a bhith a’ leasachadh bathar-bog. Sin rud a tha iad ag ionnsachadh mu dheidhinn anns an sgoil an seo.

[Aonghas] Uill airson a’ chiad teacsa gu guth, bathar-bog teacsa gu guth ann an Gàidhlig a-riamh, tha e uabhasach math.

[Aidan] ‘S dòcha math nach eil thu cho math air, mar, toirt a-steach rudan. ‘S dòcha gum faod thu a’ leughadh agus a bhith ag èisteachd ri teacsa aig an aon àm.

[Calum Dòmhnallach – Neach-aithris] Chaidh an goireas ùr a chur air bhog an seo aig Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an-diugh. Ged a chuidicheas e clann-sgoile, tha faireachdainn ann nach e sin a-mhàin a e.

[Alasdair Allan BPA] Uill airson duine sam bith a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, tha e feumail airson a bhith faighinn a-mach seòrsa fuaim a th’ aig na faclan. Ach cuideachd airson duine sam bith le dyslexia mar eisimpleir no cuideigin a tha dall. Tha e fosgladh tòrr chothroman airson a bhith leughadh leabhraichean air-loidhne, airson a bhith cleachdadh an eadar-lìon ann an dòigh ùr.

[Calum Dòmhnallach – Neach-aithris] Goireas a dh’ fhaodadh a bhith gu math feumail do chlann agus ‘s dòcha inbhich a tha ag ionnsachadh a’ chànain. Calum Dòmhnallach, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!