FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Barra golf course Raon goilf Bharraigh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Raon goilf Bharraigh

[Doneil MacLeòid - Preseantair] Nise, eadar seo agus toiseach a’ Mhàirt tha Comann Goilf Bharraigh ag amas air £20,000 a chruinneachadh airson togalach ùr air an raon aca. Tha e suidhichte air cnoc àrd agus chan eil àite fasgaidh ann an-dràsta. Le goireas nas fheàrrthathas an dòchas gun toir seo air barrachd dhaoine a dhol ann. Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha còrr agus 20 bliadhna ann bho thòisich buidheann saor-thoileach air an raon goilf as fhaide an iar ann am Breatainn a chur ri chèile agus a chumail. ‘S e naoi tuill a th’ air cùrsa Bharraigh.

[Murchadh MacFhionghain] An toll mu dheireadh ann an seo ‘s e Leth Bhruaich a th’ air. Croit Ruairidh air an fhear an sin, ‘s tha Creag an Airgid ann ‘s tha ainmean Gàidhlig air na tuill air fad.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha Creag an Airgid iomchaidh agus na cluicheadairean a-nis ag amas air 20,000 not a thional tro mhaoineachadh sluaigh, airson togalach a chur suas a bhios freagarrach airson goireasan agus uidheamachd a chumail.

[Murchadh MacFhionghain] Tha sinn a’ smaoineachadh gum faigheadh sinn barrachd dhaoine a’ tighinn a-nuas nam biodh clubhouse againn. Gheibheadh sinn clann-sgoile tighinn a-nuas co-dhiù nam biodh clubhouse agus toilets agus rudan againn.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Cha do thog mise a-riamh caman goilf. An seall sibhse dhomh ciamar a chumas mi seo?

[Murchadh MacFhionghain] Cumaibh ur làmh beagan sìos nas fhaide na sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Roimhe seo, bha an òigridh a’ faighinn teagasg aig na cluicheadairean.

[Murchadh MacFhionghain] Bha 30 againn de chlann ag ionnsachadh. Ach, mar a bha mi ag ràdh cha robh àite aca airson fasgadh fhaighinn no airson toilets fhaighinn. Ach aon uair ‘s gu faigh sinn an clubhouse tha mi an dòchas gun tig iad air ais. Gun till iad sin a-nuas.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, air raon goilf Bharraigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!