FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Caithness flag Bratach Ghallaibh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Bratach Ghallaibh

[Innes Rothach – Preseantair] Chaidh bratach ùr oifigeil fhoillseachadh airson Gallaibh an-diugh - a' chiad bhratach-siorrachd air Tìr-Mòr na h-Alba. As dèidh co-fharpais agus bhòt am measg an t-sluaigh, chaidh bratach a thaghadh a tha a' riochdachadh - sa phrìomh àite - dualchas Lochlannach na sgìre. Tha i air cead oifigeil fhaighinn bhon Mhorair Leòmhann, a tha os cionn suaitheantas na h-Alba. Tha Dòmhnall Moireasdan ag aithris.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Choisich comhairlichean Ghallaibh chun na seirbheis is Morair Leòmhann Rìgh na Suaitheantais nan cois. Seo cuid de na brataichean a dhealbh clann-sgoile na sgìre nach do shoirbhich. Bha a’ bhratach a chaidh a thaghadh ann am bhòt poblach dìomhair, ‘s daoine air bhioran gu faiceadh iad i.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha i a’ gabhail a-steach a’ chrois Lochlannach. Tha an gorm a’ riochdachadh na fairge ‘s an còrr a’ ghainmheach. ‘S e an dubh sglèat ainmeil Ghallaibh agus anns an oisean, Birlinn seann suaicheantas na siorrachd.

[Cairistiona Stone] Is sinn a’chiad siorrachd a tha a’ dol air adhart le bhith faighinn bratach a tha dìreach a’ sealltainn mu dheidhinn a tha sinn mar shiorrachd agus na nithean a tha prìseil agus cudromach anns an t-siorrachd againne a thaobh dualchais.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha a’ chrois Lochlannach cuideachd air brataichean Arcaibh is Shealtainn an àite eile an Alba aig a bheil brataichean oifigeil. Tha am Morair Leòmhann toilichte g’ eil tìr-mòr a-nis ga leantainn.

[An Dr Ìosaph Marrow] It’s the first one in the mainland, that’s why I’m making a great deal of it because I think it was a very exciting thing for me to see the insurgence of flag making and design in areas and Caithness being the first I wanted to give as much support to it as possible.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Tha dòchas gun tog a’ bhratach ìomhaigh Ghallaibh, ‘s tha i na comharra air g’ eil na Gallaich gam faicinn fhèin mar shluagh sònraichte.

[Cairistiona Stone] Tha iad a’ gabhail tlachd nan eachdraidh agus nan dualchais. Tha grèim gu math teann aig muinntir Ghallaibh air a th’ annta agus na nithean a tha prìseil agus cudromach dhaibhsan.

[Dòmhnall Moireasdan – Neach-aithris] Fad ghinealaichean ‘s e bratach an Aonaidh no mar a tha an-diugh bratach na h-Alba a bha nochdte air togalaichean Ghallaibh. Ach bhon diugh, tha am bratach fhèin aca cuideachd. Ge bith an greimich i air inntinn an t-sluaigh an seo. Dòmhnall Moireastan, BBC An Là, Inbhir Ùige.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!