FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Islay roads Rathaidean Ìle

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Rathaidean Ìle

[Innes Rothach – Presentair] Dh’ iarr Comhairle Choimhearsnachd Ìle air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid obair-càraidh a dhèanamh air na rathaidean aca. Tha na h-Ìlich a’ gearain gu bheil na làraidhean mòra a tha a’ frithealadh leasachaidhean taigheadais agus taighean-staile an eilein a’ toirt fìor dhroch bhuaidh air na slighean. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] A rèir chuid air an eilean ‘s iad rathaidean Ìle na rathaidean as prothaidiche ann an Earra-Ghàidheal leis an àireamh de làraidhean bho thaighean-stàile a tha a’ ruith orra gach latha a’ toirt uisge-beatha gu tìr-mòr -mhòr. Ach tha na làraidhean sin a’ dèanamh milleadh air na rathaidean sin agus leis an uisge trom am-bliadhna tha e a’ cur dragh air daoine dràibheadh orra.

[Fraoch Nic An Deòir] Tha tuilleadh ‘s a’ chòrr uisge a’ laighe air na rathaidean, chan eil e faotainn air falbh. Agus chan eil e faotainn a’ falbh a chionn, b’ àbhaist na rathaidean mòra bhith mar seo, bha e car cunnartach, dh’ fheumadh thu bhith dràibheadh sìos meadhan an rathaid mhòr, fhios agad. Ach a-nis tha iad rèidh, mar seo agus chan eil an t-uisge faotainn air falbh. Agus tha na làraidhean a-nis, dìreach single axels a th’ orra ‘s tha sin a’ cur barrachd cuideim air na rathaidean mòra agus iad a’ dèanamh tuill annta.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] An seo air an rathad eadar Port Ilein agus a’ Bhogha Mhòr tha rathad ann rathad singilte, no an rathad àrd agus am prìomh rathad a tha a’ dol tarsainn air a’ bheinn. Ach, leis an staid anns a bheil am prìomh rathad tha tòrr làraidhean a-nis a’ cleachdadh an rathad singilte.

[Fraoch Nic An Deòir] Tha an rathad sin car, air na creagan agus tha iad ro throm na làraidhean sin agus chì iad carson a tha iad shuas an sin, a chionn an rathad ìosal, tha e dìreach air monadh uill tha e na bhoglach agus cha sheasadh e suas ri na làraidhean trom sin, na tankers,fhios agad, mar tha i fad na h-ùine.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Nis tha Comhairle Choimhearsnachd nan eilean a faighneachd do Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid barrachd airgid a chosg air rathaidean an eilean.

[Glenmore Roberts] And we want more freedom to say, well, why won’t you spend it on our roads. We’re bringing you the revenue we’re giving the exchequer the revenue with the whisky and the gin. So why aren’t we getting a bigger share because we’re giving you a bigger share on the whisky side than any other island.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Ach le gearraidhean air fàire son a’ chomhairle the e gu bhith doirbh tuilleadh airgid fhaighinn. Ach tha Ball-Pàrlamaid Albannach na sgìre den bheachd gur e cùis shònraichte th’ann do dh’Ìle.

[Michael Russell] The council, Argyll & Bute Council treats Islay like any other area and it’s a formula that is applied to a number of people and the length of road so it’s a particular circumstance in Islay with heavy traffic that needs to be taken care of and I’ll be going to the council and making that point and hoping they’ll pay attention to it because the surface is very bad, it will damage vehicles and it’s dangerous.

[Seonaidh MacCoinnich – Neach-aithris] Seonaidh MacCoinnich, BBC An Là, Ìle.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!