FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Croft house grants Taic-airgid nan Taighean-Croite

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Taic-airgid nan Taighean-Croite

[Iain MacIlleathain– Preseantair] Tha fàilte ga chur air àrdachadh anns an taic-airgid a tha croitearan a' faighinn airson taighean a leasachadh agus feadhainn ùra a thogail. Ach tha ceist ga togail cuideachd mu carson a tha an Riaghaltas a' dol a chuingealachadh gheibh an taic, a rèir an teachd a-steach a th' aig teaghlach croiteir. Tha tuilleadh mun seo an-dràsta aig Aonghas Dòmhnallach.

[Aonghais Dòmhnallach – Neach-aithris] Tha a h-uile duine air fàilte a chur air an naidheachd g’ eil taic-airgid airson taighean-croit a thogail no a leasachadh, a’ dol suas gu £38,000 aig a’ char as àirde. Ach a rèir Chomhairle nan Eilean Siar, tha cosgaisean togail air èirigh cho mòr agus nach eil an t-àrdachadh mòr gu leòr.

[An Comh Dòmhnall Crichton] Chan eil sinn a’ smaoineachadh gu bheil e a’ dol fada gu leòr. Anns a’ chonaltradh a bh’ ann chuir sinne air adhart gum bu chòir an grant a bhith co-dhiù aig £50,000 airson toirt a-steach nan cosgaisean a th’ann an-diugh airson a bhith a’ togail taighean. Agus chan eil mi smaoineachadh gu eil àrdachadh dol a dhèanamh mòran atharrachaidh nuair a tha sinn a’ toirt a-steach nan cosgaisean a tha an lùib togail taigh an-diugh.

[Aonghais Dòmhnallach – Neach-aithris] Chleachd buidseat nan taighean-croite a bhith £3.4 millean. Tha e a-nise £1.4 millean. Mar sin feumar meas a dhèanamh air teachd-a-steach, no means testing airson a h-uile croitear a tha ga iarraidh.

[An Comh Dòmhnall Crichton] Briseadh dùil a tha seo mas e an fhìrinn a th’ann, gu bheil means testing dol a thighinn a-steach don sgeama seo. ‘S e cnap-starra eile bhiodh seo a thaobh a bhith toirt daoine a-steach a-rithist gu croitearachd ‘s toirt misneachd dha daoine òga a tha a’ togail taighean anns na coimhearsnachdan aca fhèin. ‘S tha sinn an dòchas gun coinnich sinn ris a’ mhinistear ro dheireadh na mìos agus bidh sinn a’ togail nan draghan sin rithe.

[Aonghais Dòmhnallach – Neach-aithris] Ach tha beachd ann gu bheil daoine ann a tha ceannach croitean aig nach eil ùidh sam bith anns an talamh. Ach gu bheil iad fhathast a’ faighinn an taic-airgid.

[Iain Stephen Moireasdan] Chì mi-fhìn daoine a tha fhaighinn a làmhan air croitean agus ‘s e a’ chiad rud a tha iad a’ dèanamh ‘s e cur a-staigh airson cuideachadh airson taigh a thogail agus ma dh’ fhaoidhte nach eil ùidh sam bith aca ann a bhith ag obair an talmhainn no cumail stoc no fàs dad sam bith. Chan eil a dhìth orra ach dìreach plot airson taigh a thogail agus chanainn sa gu pearsanta g’ eil e ceàrr daoine mar sin taic fhaighinn.

[Aonghais Dòmhnallach – Neach-aithris] Ach air cùl na tha sin tha ceist mhòr mu choinneamh an riaghaltais ‘s tha taic-airgid an taigheadais na phàirt mhòr de fhreagairt nan ceistean.

[Iain Stephen Moireasdan] A bheil an riaghaltas airson ‘s gum bi daoine croitearachd? Bheil e airson ‘s gum bi daoine òg a’ croitearachd? Bheil iad airson ‘s gum bi daoine fuireach anns na sgìrean croitearachd? Agus ma tha, tha leithid a sgeama seo air leth riatanach oir às a h-aonais, cha mhòr gun gabhadh sìon dèanamh do chuid a dhaoine.

[Aonghais Dòmhnallach – Neach-aithris] Bu chòir coinneamh inntinneach a bhith ann ri Ministear nan Gnothaichean Dùthchail air deireadh na mìos. Aonghais Dòmhnallach, BBC An ann an Leòdhas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!