FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Crofting Commission meeting Coinneamh Coimisean na Croitearachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Coinneamh Coimisean na Croitearachd

[Iain MacIlleathain – Presentair] Nise tha an dàil air taic-airgid do chroitearan na Gàidhealtachd san eilean agus an suidheachadh eaconamaigeach a’ fàgail cuid cho ao-dòchasach ‘sa bha iad a-riamh. Sin a chuala coimisean na croitearachd aig coinneamh ann an Inbhir Nis an-diugh. Mar a tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a-nis ag aithris, bha coimiseanairean ag iarraidh air an riaghaltas cabhag a chur air an taic-airgid.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Tha croitearan air feadh na dùthcha air a bhith fulang ri linn dàil anns an taic-airgid a tha iad a’ faighinn. Chan eil mòran chroitearan air airgead CAP fhaighinn ri linn an t-siostaim coimpiutaireachd ùr. Aig coinneamh Coimisean na Croitearachd ann an Inbhir Nis an-diugh, chuala na bha an làthair rabhadh gu robh croitearan nas ao-dòchasaiche ri linn sin agus iomadh rud eile anns an latha a th’ ann.

[Murchadh MacIllFhinnein] Uill tha, mar a tha an eaconamaidh san fharsaingeachd, tha daoine air tòrr obair a chall can anns an North Sea agus na daoine a tha ag obair taobh a’ bhradain. Agus feadhainn de na daoine sin ‘s e croitearan a th’ annta ‘s an airgead a bha tighinn a-steach tron phòcaid aca fhèin, chan eil e ann an-dràsta. Chaidh a’ cheist a thogail gu bheil e duilich dha na croitearan sin. ‘S mathaid gu bheil iad a’ call an dreuchd, nach eil airgead gu bhith aca agus gu bheil mar a thuirt iad, tha perfect storm a’ tighinn air na daoine sin. ‘S tha sinne an dòchas gun èist an Riaghaltas ri sin agus gun cuir iad an t-airgead a-mach, mar a thuirt sinn gu sgiobalta.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Ann an seachdain san do sgaoil an Riaghaltas fios mu àrdachadh air taic-airgid thaighean-croite, tha e follaiseach g’ eil draghan ann. As dèidh dha thighinn am follais g’ eil an Riaghaltas gu bhith measadh chroitean son an taic thaigheadais, thuirt an coimisean gun cùm iad sùil gheur air na riaghailtean.

[Murchadh MacIllFhinnein] ‘S e naidheachd mhath a bh’ ann gu bheil suas ri £40,000 gu bhith ann airson grant an-diugh. Agus mar a chuala sinn cuideachd tha iad a’ coimhead a-steach airson nan loans a bh’ ann sa bhliadhna a chaidh seachad. Chan eil naidheachdan ann mu dheidhinn sin fhathast, tha iad a’ coimhead ris. Ach chan eil fios againne fhathast ciamar a tha sgeama ùr sin dol a dh’ obrachadh. Tha sinn an dòchas gum bi e air a leudachadh gu math, gum bi e gu math farsaing airson a h-uile duine a tha ag iarraidh tighinn a-steach ann ach feumaidh sinn faicinn ciamar a tha e dol a dh’ obair ‘s chan eil fios againn fhathast ciamar a tha sin dol a dh’ obair.

[Coinneach Mac a’ Ghobhainn – Neach-aithris] Tha e follaiseach gu bheil gu leòr air aire chroitearan agus a’ choimisein agus bithear an dòchas gum bi cabhag air an Riaghaltas na riaghailtean a mhìneachadh agus nach mair an dàil ann an taic-airgid do chroitearan cus ro fhada. Coinneach Mac a’ Ghobhainn, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!