FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Lewis War Memorial Carragh-cuimhne Cogaidh Leòdhais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Carragh-cuimhne Cogaidh Leòdhais

[Iain MacIlleathain – Preseantair] Thèid an carragh- cuimhne cogaidh ann an Steòrnabhagh a leasachadh bho phlanaichean a th’ aig Comhairle nan Eilean Siar. Dh’ fhoillsich a’ chomhairle planaichean airson na h-obrach , a chosgadh còrr air £200,000. Tha e na phàirt de dh’ obair nas fharsainge, a tha ag amas air a’ Chogadh Mhòr a chomharrachadh. Tha Murray MacLeòid ag aithris a-nis à Steòrnabhagh.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Sealladh cho aithnichte ’s a tha anns an eilean. Carragh-chuimhne Cogaidh Leòdhais, na shuidhe os cionn baile Steòrnabhaigh. Mar chomharra air an iomadach eileanach bochd a chaill am beatha sna cogaidhean.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] B’ ann ann an 1924 a chaidh an Carragh mòr seo a thogail an toiseach agus ged a chaidh obair leasachaidh a dhèanamh bho chionn còrr math air fichead bliadhna, chan eil e ann an suidheachadh ro fhallain an-diugh. Ach tha Comhairle nan Eilean Siar a-nis air an aghaidh a chur mu choinneamh obair ùrachaidh agus cruaidh fheum air.

[Donaidh MacÌomhair] Uill an-dràsta mar a tha an staid anns a bheil e chan eil e sàbhailte daoine a dhol na bhroinn. Agus mar a bha mi ag ràdh, ’s e rud a bhiodh daoine g’ iarraidh a dhèanamh ‘s e dhol suas chun a’ mhullaich ‘s dìreach sealltainn timcheall an eilein, ris an sgìre aca fhèin ‘s cuimhneachadh air na daoine dh’ fhàg an sgìre ‘s nach tàinig air ais. Nis chan urrainn dha duine sin a dhèanamh an-diugh, chan eil e sàbhailte na bhroinn, na staidhrichean ’s co-dhiù fiù’s an taobh a-muigh, tha an t-uisge faighinn a-steach. Tha e feumach air pointing agus tòrr obair ri dhèanamh air.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] ‘S ann aig ìre gu math tràth a tha cùisean an-dràsta. Ach tha a’ chomhairle coimhead ri pròiseact luach còrr air £200,000 le cuid mhath dhen sin a’ tighinn bhon chomhairle fhèin. Tha na molaidhean a’ tighinn às dèidh sgrùdadh le eòlaichean agus feumar an toiseach cead oifigeil fhaighinn son atharrachaidhean a dhèanamh air togalach eachdraidheil.

[Donaidh MacÌomhair] Sin as coireach gu bheil war memorial ann, son cuimhne chumail air rud. ‘S chan fhaod sinn leigeil le sin a dhol seachad, gun càil a bhith ann airson gun tig daoine a shealltainn air ‘s gum faic iad na clachan le na h-ainmean ‘s h-uile càil a tha sin. Chan fhaod sinn call cuimhne air an fheadhainn a dh’ fhalbh romhainn. An fheadhainn a chaill am beatha.

[Murray MacLeòid – Neach-aithris] Gu mì-fhortanach mar a tha cùisean an-diugh chan eil e idir comasach faighinn a-steach na bhroinn. Ach ma thig an obair leasachaidh air adhart, bheir e spionnadh às ùr dhan ghoireas chudromach seo, a’ dèanamh cinnteach gum mair e ann an inntinn nan daoine agus ann an sùilean nan daoine son an àm ri teachd. Murray MacLeòid, BBC An Là, Carragh-chuimhne Leòdhas.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!