FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Uist Winter League Cup Cupa Lìog Geamhraidh Uibhist

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Cupa Lìog Geamhraidh Uibhist

[Calum Dòmhnallach – Preseantair] ‘S e Saints an Ìochdair a bhuannaich Cupa Lìog a’ Gheamhraidh ann an Uibhist Disathairne, ‘s iad a’ dèanamh a’ chùis air Èirisgeigh sa chuairt mu dheireadh. Seo an dàrna bliadhna a tha lìog air a chumail agus tha e soirbheachadh gu mòr. Tha Shona NicDhòmhnaill ag aithris.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Seo an dàrna bliadhna de lìog geamhraidh ball-coise ann an Uibhist. Chan eil ach seachdnar anns gach sgioba agus chan eil na geamaichean cho fada.

[Ruairaidh ‘Jinky’ MacÌosaig] Air sàillibh sin, geamaichean nas giorra agus bheir e teansa oir nach eil ach seachdnar anns gach sgioba. Bha còir air barrachd sgiobaidhean a bhith gabhail pàirt agus tha sin anns an lìog fhèin ged nach robh na h-ochd ann an-diugh mar a thuirt mi. Tha an lìog fhèin math a h-uile oidhche Luain ‘s a h-uile oidhche Chiadain, ‘s e deagh rud tha sin.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Disathairne chluich sia de na h-ochd sgiobaidhean airson Cupa Lìog a’ Gheamhraidh, gach sgioba a’ cluich grunn gheamannan a’ maireachdainn 16 mionaidean airson faighinn dha na cuairtean deireannach.

[Aonghais Caimbeul] Tha e gu math doirbh, bhith cluich geama ‘s an uair sin bidh break beag agad an uair sin cluich geama eile ‘s dìreach bhith faighinn tòiseachadh a-rithist. Tha naoi duine againn an-diugh so tha subs gu leòr againn. Ach, dh’ obraich e co-dhiù.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Fhuair Saints an Ìochdair dhan chuairt dheireannaich an dèidh buannachadh an aghaidh òigridh Uibhist is Bharraigh agus nan aghaidh bha sgioba Èirisgeigh agus iadsan air an gnothach a dhèanamh air Southend anns a’ gheama eile san iar-chuairt dheireannaich. Bha làmh an uachdair aig sgioba Èirisgeigh gu math sgiobalta agus iad a’ faighinn thadhal. Ach le trì tadhail anns an dàrna leth, fhuair Saints an Ìochdair an cupa.

[Aonghais Caimbeul] Och tha e daonnan math cupannan a ghleidheadh. Bha fhios againn nuair a bha sinn a’ tighinn a-staigh an-diugh gu robh deagh theans againn an tournament a ghleidheadh ach chan eil fhios againn thachras air an latha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!